2023 - t-Oll Graham Hannaford

susbaint

Rinn an t-Oll Graham Hannaford, seirbheiseach catharra air chluaineas, MLitt UHI ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bhon dachaigh aige ann an Astràilia bho 2011 gu 2015. Chaidh e air adhart an dèidh sin gus PhD a choileanadh le Federation University. Is esan Rùnaire Urramach Chomann Sydney airson Eachdraidh na h-Alba agus chaidh a thaghadh mar Chomhaltach de Chomann Àrsairean na h-Alba ann an 2023. Tha e a’ fuireach ann an Canberra còmhla ri a bhean, is tha aon mhac agus dithis bhan-oghaichean aige.

Chaidh Graham ainmeachadh leis an Àrd-Ollamh David Worthington, Ceannard Ionad Eachdraidh UHI. Mhìnich an t-Àrd-Ollamh Worthington:

Bha Graham air aon de na ciad oileanaich air an MLitt againn ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean nuair a chaidh a chur air bhog ann an 2011. Agus e aig an àm sin beagan a bharrachd is 60 bliadhna a dh’aois, rinn e a chuid ionnsachaidh air fad air-loidhne bhon dachaigh aige ann an Astràilia. Chaidh e air adhart gus an ceum a chrìochnachadh ann an 2015, agus e a’ faighinn caochladh chomharran aig ìre àrd-urraim.

“Bho cheumnaich e, is mòr an taic a thug Graham don Ionad Eachdraidh, agus e a’ sgaoileadh bhileagan is a’ sgrìobhadh mu na ceuman againn ann am foillseachaidhean leithid chuairt-litrichean nan comann fine. Tha ceanglaichean làidir aige rinn fhathast agus bha e a’ tadhal oirnn ann an Dòrnach dà uair. Tha sinn ga mholadh airson na duaise seo mar thoradh air an taic fhada seo agus airson ar cuideachadh le ceanglaichean ri beatha choimhearsnachd nan eilthireach Albannach ann an Astràilia.”

Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche Leasachaidh agus Com-pàirt Alumni UHI:

"Thathas a’ cur luach mòr air taic leantainneach Graham don Ionad Eachdraidh agus do dh’obair gus UHI a cheangal ri coimhearsnachd eilthireach na h-Alba agus tha i airidh air cliù. Brosnaichidh na choilean e oileanaich is alumni eile.”

Graham Hannaford headshot

““Mar oileanach a tha air ionnsachadh air-loidhne agus air astar mòr, tha e na thogail-inntinn dhomh gu bheil an duais seo ag aithneachadh ruigsinneachd chruinneil UHI agus, gu sònraichte, oidhirpean an Ionaid Eachdraidh a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri coimhearsnachd nach eil idir air a cuibhreachadh le crìochan cruinn-eòlasach. Aig ìre phearsanta, tha mi a’ faicinn na duaise mar rud a leigeas fhaicinn nach eil aois a’ cur bacadh sam bith air ionnsachadh agus coileanadh acadaimigeach (tha mi 75) agus tha mi an dòchas gun toir e brosnachadh do dh’oileanaich agus alumni de gach aois cumail orra ag obair a dh’ionnsaigh an amasan fhèin.”

t-Oll Graham Hannaford