Duais Comann Gàidhlig Lunnainn

susbaint

Comann Gàidhlig Lunnainn: carthannas a chaidh a stèidheachadh ann an 1778, a bhios ag adhartachadh agus a’ cur taic ri traidiseanan is cultar Gàidhealtachd na h-Alba.

Tha duais ionmhasail ga buileachadh air oileanach le tràchdas focheumnach na bliadhna ann an lìonra nan Daonnachdan is cuspairean Gàidhlig, air tèama bhon Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Tha an tràchdas soirbheachail le ceangal dìreach gu taobh sòisealta, cultarach, àrainneachdail no eachdraidheil den Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.

“Tha traidisean fada aig Comann Gàidhlig Lunnainn a bhith a’ cur taic ri sgoilearachd ann an (agus mu dheidhinn) Gàidhealtachd na h-Alba, agus air leth toilichte leantainn air adhart a’ buileachadh dhuaisean air oileanaich ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha frèam-obrach gun choimeas agus ruigsinneachd cruinn-eòlasach an oilthighe a’ solarachadh àrd-ùrlar foirfe airson com-pàirteachadh a bhrosnachadh agus sàr-mhathas nan oileanach a dhìoladh, agus tha an Comann an dòchas gun cuidich na duaisean seo le taic a chur ris na h-amasan sin.”

Highland Society of London logoDonnchadh Byatt
Ceann-suidhe
Comann Gàidhlig Lunnainn