Maoin Reubaltach Prickly Thistle

susbaint

Tha a’ Mhaoin Reubaltach air a toirt seachad le Clare Chaimbeul, neach-seilbh Prickly Thistle, gus oileanaich san oilthigh a chomasachadh gu ‘dòigh-smaoineachaidh
atharrachadh’ sna gnìomhachasan cruthachail.

A thuilleadh air a’ Mhaoin Reubaltach a stèidheachadh, tha Clare a’ toirt gu cunbhalach don oilthigh, aon de dh’àireamh ghnìomhachasan ionadail a tha a’ sìor fhàs a bhios a’ cur ri sgoilearachdan agus ris a’ Mhaoin Leasachaidh Oileanaich, agus a’ solarachadh taic ionmhasail do dh’oileanaich aig a bheil feum air taic airson leantainn orra le an ionnsachadh no buannachd fhaotainn à cothroman leasachaidh.

Rebel Fund students

“Tha mi air leth toilichte gu bheil Maoin Reubaltach Prickly Thistle air ceadachadh do na h-oileanaich an ceum mu dheireadh a ghabhail bhon ìre dealbhaidh gu an ìre toraidh. Is e feallsanachd ar companaidh a bhith a’ dealbhadh agus a’ toradh gu h-ionadail agus tha am pròiseact seo air ceadachadh do dh’oileanaich dìreach sin a dhèanamh. Tha e na thlachd taic a chur ri Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus ris na h-oileanaich san dòigh seo agus chuirinn ìmpidh air càch nas urrainn dhaibh a dhèanamh mar thaic don ath ghinealach.”

Clare Chaimbeul