Ionnsachadh, Teagasg agus Measaidhean

susbaint

Dòighean Ionnsachaidh is Teagaisg aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ionnsaichidh tu ann an caochladh dhòighean leithid òraidean, clasaichean agus obair-phròiseict, agus air-loidhne tro àrainneachd ionnsachaidh mas-fhìor an oilthigh. Atharraichidh am measgachadh de dhòighean ionnsachaidh a rèir a’ chùrsa a nì thu agus an àite anns am bi thu ag ionnsachadh.

Bidh an t-oilthigh a’ tabhann farsaingeachd mhòr de chùrsaichean, agus tòrr dhiubh a’ gabhail a' chothruim air àrainneachd, cruth-tìre agus cultar sònraichte na sgìre. Tha 13 àrainnean ionnsachaidh aige, sgapte air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Chan eil cuid de chùrsaichean rim faotainn ach ann an aon àite, mar eisimpleir, far a bheil goireasan spèisealta, luchd-obrach a bhios a’ cur fòcas air rannsachadh no àrainneachd fhiosaigeach shònraichte. Airson chùrsaichean eile, bidh taghadh de dh’àitichean anns an urrainn dhut ionnsachaidh.

Cùrsaichean rim faotainn ann an aon àite shònraichte

Bidh thu suidhichte aig àrainn còmhla ris an luchd-teagaisg agus oileanaich eile. Bidh a’ mhòr-chuid den ionnsachadh agad aghaidh-ri-aghaidh ach cuiridh tu feum air goireasan air-loidhne agus seiseanan tro cho-labhairt bhidio le luchd-obrach às an oilthigh air fad cuideachd.

Cùrsaichean le taghadh a thaobh àite

Faodaidh tu na cùrsaichean seo a dhèanamh aig gin de na h-àrainnean air an liosta. Bidh na clasaichean agad air an dèanamh suas de mheasgachadh de chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh, co-labhairt bhidio agus lìbhrigeadh is taic air-loidhne. Faodaidh gum bi cuid de na h-oileanaich eile air a’ chùrsa air an suidheachadh san aon àite, ach bidh an clas sgapte air feadh nan àrainnean. Bidh luchd-teagaisg aig cuid de dh’àitichean far am bi òraidean aghaidh-ri-aghaidh a’ gabhail àite, ach aig cuid de dh’àrainnean cleachdaidh oileanaich co-labhairt bhidio gus cothrom fhaighinn air òraidean agus conaltradh a dhèanamh ri luchd-teagaisg agus oileanaich eile.

Cùrsaichean a tha rim faotainn gu tur air-loidhne

Thèid an cùrsa agus taic ionnsachaidh agad a lìbhrigeadh air an eadar-lìon agus bidh thu nad phàirt de choimhearsnachd air-loidhne anns am bi luchd-obrach acadaimigeach agus oileanaich eile. Uaireannan, bidh cothroman ann coinneachadh aghaidh-ri-aghaidh aig amannan sònraichte feadh a’ chùrsa.

Gheibh oileanaich an oilthigh neach-oide acadaimigeach pearsanta a bheir taic acadaimigeach feadh do chuid ionnsachaidh agus stiùireadh air taic eile a tha ri faotainn do na h-oileanaich againn.

Teicneòlas air a mhìneachadh:

Co-labhairt bhidio: a’ cleachdadh chamarathan agus maicreafònaichean, faodaidh seo luchd-obrach agus oileanach a cheangal aig dà àrainn, no còrr is dà àrainn, aig an oilthigh, no aig àite sam bith air feadh an t-saoghail, leis an teicneòlas cheart.

Àrainneachd Ionnsachaidh Mas-fhìor: Siostam eadar-lìn a leigeis leat cothrom fhaighinn air goireasan ionnsachaidh, stiùireadh agus taic. Bidh e a’ leigeil leat measaidhean a ruigsinn agus a chur a-steach, cho math ri bhith a’ cur fios gu luchd-obrach agus oileanaich eile tro bhùird-bràth agus cabadaich beò.


Dòighean Measaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Tha cùrsaichean air am measadh ann an dòighean eadar-dhealaichte. Tha a’ mhòr-chuid de chùrsaichean Àrd-ìre Nàiseanta air am measadh le obair-chùrsa air a chur a-steach feadh na bliadhna. Airson phrògraman ceuma, bidh measgachadh de mheasadh sgrìobhte agus measadh leantainneach tro obair-chùrsa mar as trice.

Tha na dòighean measaidh as cumanta air an comharrachadh anns a’ chlàr gu h-ìosal. Tha àireamh glè bheag de chùrsaichean air am measadh le deuchainn sgrìobhte no pìos obrach singilte a-mhàin: airson a’ mhòr-chuid de chùrsaichean tha co-dhiù dà dhòigh measaidh, agus tha àireamh a tha a’ fàs a’ cur gnìomhachdan fa leth agus ann am buidheann còmhla gus an dà chuid eòlas agus sgilean freagarrach don chuspair agus sgilean a ghabhas giùlan thairis gu suidheachadh eile a leasachadh.