Bhuannaich Euan MacPhàdraig à Port Apainn an t-Aigeallan Airgid aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail
Tha an seinneadair Euan MacPhàdraig à Port Appain air an Aigeallan Airgid dha fir a chosnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu, agus a theaghlach an làthair gus a’ mhionaid a cho-roinn leis.
Choisinn Euan, Àrd-Oifigear Mheadhanan aig Comann Saidheans Mara na h-Alba (SAMS) faisg air an Òban, Cuach Cuimhneachaidh Alasdair MhicAonghais cuideachd, anns a’ phrìomh cho-fharpais seinn aon-neach do dh’inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Thuirt Euan:
“Bha mi gu tur ann an tuaineal le iongnadh gun do bhuannaich mi, agus airson aon turas, cha robh facal agam ri ràdh agus cha b’ urrainn dhomh faclan a chur ri chèile sa Bheurla, gun luaidh air Gàidhlig, nuair a bha mi a’ bruidhinn ris na meadhanan às a dhèidh!
“Bha e cho math gun robh mo phàrantan, mo bhràthair agus mo phiuthar ann airson m’ fhaicinn a’ buannachadh – agus aig a’ cheann thall, bha feum agam air cuideachadh airson nan duaisean airgid a ghiùlan!”
Thug e taing dhan fheadhainn a chuidich leis ag ullachadh, a' toirt creideas do Dhonnchadh Eòsaph MacNèill airson taic a thoirt dha le fuaimneachadh na Gàidhlig, Seònaid NicFhearghais leis an t-seinn aige, agus a mhàthair, Audrey Iseabail NicPhàdraig, airson a threòrachadh troimhe air fad.
Bha Euan moiteil Fàgail Lios Mòr a sheinn, òran à Latharna air a bheil mòr-mheas, còmhla ri A Pheigi, a Ghràidh. Bha an dàrna òran gu sònraichte cudromach an dèidh bàs a sheanmhair, Peigi.
Thug Euan iomradh cuideachd air an taic a fhuair e bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI), de bheil SAMS na chom-pàirtiche, ann a bhith a’ leasachadh a sgilean Gàidhlig:
“Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do UHI airson taic a thoirt don ionnsachadh Gàidhlig agam tron mhaoin leasachaidh luchd-obrach aca. Tha seo air a bhith air leth luachmhor dhomh agus mi a’ feuchainn ri mo chuid Gàidhlig a leasachadh, agus aig a’ cheann thall, a bhith comasach air farpais aig an ìre seo.”
Chuir Euan meal-a-naidheachd air Laura Gormley, a bhuannaich an t-Aigeallan Airgid (roinn nam ban), a sheinn mar a thuirt e, “cho brèagha” agus thug e taing do gach neach a chuir teachdaireachdan taice thuige às dèidh dha a’ bhuaidh a chosnadh.