UHI a’ toirt ceum dotaireachd urramach do Malcolm Burr OBE airson seirbheis phoblach

Bheir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) ceum dotaireachd urramach do Malcolm Burr OBE, mar aithne air an tabhartas a rinn e don oilthigh agus a dhealas fad-ùine a thaobh seirbheis phoblach agus coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

see full size image
Malcolm Burr OBE san dealbh aig UHI House. Dealbh le Paul Campbell.

Gheibh Malcolm an duais aig cuirm cheumnachaidh UHI do dh’oileanaich a tha clàraichte gu dìreach, aig Eden Court ann an Inbhir Nis, air Dihaoine 13 Samhain.

Bha Calum, a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, na Àrd-Oifigear aig Comhairle nan Eilean Siar, ùghdarras ionadail nan Eilean Siar, bho 2005 gus an do leig e dheth a dhreuchd sa Mhàrt 2026. Roimhe sin, bha e na Àrd-Oifigear Taice aig Comhairle Eileanan Arcaibh agus ann an seirbheisean laghail aig Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Roinneil Shrath Chluaidh.

Rè nan 10 bliadhna aige air Cùirt UHI, buidheann riaghlaidh an oilthighe, bha Malcolm a’ riochdachadh a com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail agus chuidich e le bhith a’ stiùireadh a slighe ro-innleachdail. Thug e leis eòlas ann an riaghladh agus leasachadh roinneil, còmhla ri tuigse dhomhainn do na cothroman agus na dùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.

Tha Malcolm air a bhith na Neach-gairm air Bòrd Stiùiridh Thaghaidhean na h-Alba bho 2018, agus tha e a’ leantainn air adhart a’ toirt taic do ath-leasachadh seirbheis phoblach anns na h-Eileanan an Iar agus nas fhaide air falbh.

Bha e roimhe na Rùnaire agus na Chathraiche air SOLACE Alba, am buidheann proifeiseanta airson àrd-oifigearan agus àrd-mhanaidsearan ùghdarrasan ionadail.

Chaidh an t-urram OBE a bhuileachadh air airson seirbheis phoblach ann an Urraman Co-là-breith an Rìgh ann an 2026, às dèidh dha Duais Coileanaidh Fad Beatha fhaighinn aig Duaisean Seirbheis Poblach na h-Alba ann an 2025.

Thuirt Malcolm Burr

“Tha an t-urram seo a’ ciallachadh tòrr dhomh. B’ e toileachas mòr a bh’ ann dhomh a bhith ceangailte ris an oilthigh seo bhon a chaidh a stèidheachadh. Chaidh a stèidheachadh air beachd gu math sìmplidh: nach bu chòir an  àite as a bheil thu a fuireach a bhith na chuingealachadh air na cothroman a gheibh thu.

“Tha UHI air a bhith na thaic mhòr dha na coimhearsnachdan againn tro fhoghlam, cosnadh agus leasachadh sgilean; a’ toirt taic do ghnìomhachasan ionadail, a’ cumail dhaoine tàlantach san sgìre, agus a’ cur ri sunnd sòisealta is eaconamach nan coimhearsnachdan ris a bheil sinn a’ frithealadh. Abair lèirsinn a bh’ ann, agus a tha fhathast ann.”

Thuirt Vicki Nairn, Prìomh-Oifigear agus Iar-Sheansalair UHI:

“Tha an dotaireachd urramach seo ag aithneachadh an tabhartais aig Malcolm do UHI agus dreuchd a tha coisrigte do sheirbheis phoblach.

“Tha Calum a’ tuigsinn nan coimhearsnachdan a tha UHI a’ frithealadh agus an diofar a dh’fhaodas foghlam a dhèanamh don àm ri teachd aca. Rè na h-ùine aige sa Chùirt, chuidich a bhreithneachadh agus a chuid eòlais le leasachadh an oilthighe a stiùireadh agus ar ceanglaichean le com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail a neartachadh.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ comharrachadh a choileanaidhean còmhla ri coileanaidhean ar ceumnaichean ann an Inbhir Nis.”

“Tha an ceum dotaireachd urramach seo ag aithneachadh an dà chuid na chuir e ri UHI agus a dhreuchd a chaidh a choisrigeadh do sheirbheis phoblach. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris na choilean e a chomharrachadh, còmhla ri coileanaidhean ar luchd-ceumnachaidh ann an Inbhir Nis.”

Tha ceuman dotaireachd urramach am measg nan urraman as àirde a bheir oilthigh seachad. Tha iad a’ toirt aithne do dhaoine a tha air cur gu mòr ris an oilthigh agus ris an sgìre mun cuairt air, tro sheirbheis phearsanta no tro choileanaidhean sònraichte.