Maoin ùr air a stèidheachadh gus oileanaich dhùthchail a chuideachadh

Chaidh maoin ùr a stèidheachadh airson taic a thoirt do dhaoine à coimhearsnachd dhùthchail gus cùrsaichean UHI fhaighinn. Tha Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby air £105,000 a thoirt seachad airson sgoilearachd agus bursaraidhean a sholarachadh do dhaoine tàlantach air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean thar nan trì bliadhna a tha romhainn.

see full size image
Iain MacNèill

Thèid an tabhartas a chleachdadh gus sgoilearachdan a thoirt do aon oileanach ùr gach bliadhna, a’ toirt taic-airgid fhad ’s a bhios iad ag ionnsachadh. Bidh cothrom aig oileanaich cuideachd cur a-steach airson bursaraidhean suas ri £1000 gus an cuideachadh le bhith a’ ceannach uidheamachd, a’ frithealadh cho-labhairtean, a’ gabhail pàirt ann an cuairtean làraichean a-muigh no gus cuideachadh le cosgaisean ris nach robh dùil.

A bharrachd air a bhith a’ toirt seachad taic ionmhais, thèid a’ mhaoin a chleachdadh cuideachd gus prògram tosgaire ùr a chruthachadh agus cuideachadh le brosnachadh is cumhachd a thoirt do dhaoine òga ann an coimhearsnachdan dùthchail.

Dh'aontaich Iain MacNèill, sealbhadair agus Ceannard Buidheann Foillseachaidh Witherby, agus na h-urrasairean eile an duais a thoirt seachad. Dh’fhàg Iain Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh aig aois 16 bliadhna airson a dhol dhan Chabhlach Mharsanta. Mar chuideigin le doille-fhacail (dyslexia), bha e duilich dha leabhraichean-làimhe trèanaidh a leughadh, ach cha do leig e le seo a chumail air ais. Chòrd cùrsa-beatha soirbheachail ris aig muir mus deach e air adhart gu bhith a’ leasachadh bathar-bog airson maraichean eile a chuideachadh tro na deuchainnean mara aca. Ann an 2008, cheannaich Iain agus a bhean, Kat Heathcote, Witherby Publishing, companaidh foillseachaidh stèidhichte ann an Lunnainn aig a bheil cliù mar a’ chompanaidh foillseachaidh neo-eisimeileach as sine sa Bheurla. An-diugh is e am foillsichear mara neo-eisimeileach as motha san t-saoghal a bharrachd air a bhith mar aon de na companaidhean foillseachaidh as motha ann an Alba.

Fhuair Iain dotaireachd urramach bho UHI ann an 2022 agus chaidh a bhrosnachadh gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a b’ urrainn Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby taic a thoirt do dhaoine tàlantach à coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail. Mhìnich e: “Bha e na fhìor eòlas dhomh aig cuirm ceumnachaidh Eden Court san t-Sultain 2022, a bhith faicinn na h-uimhir de dhaoine às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a’ faighinn cuideachadh gus foghlam adhartach is àrd-ìre fhaighinn, ge bith dè an aois a bha iad.

“Gu tric chan eil na co-dhùnaidhean foghlaim agus dreuchd a nì sinn nar deugairean meadhan-gu-deireadh agus tràth-fhicheadan a’ nochdadh ar fìor sgilean no ar comas, agus tha an obair conaltraidh a tha UHI a’ dèanamh ann an coimhearsnachdan dùthchail ceann a tuath agus taobh an iar na h-Alba, le oileanaich de gach aois, air leth cudromach. B’ e na buannachdan a dh’fhaodadh a bhith comasach nuair a dh’aithnicheas daoine nach eil e ro fhadalach ionnsachadh no ath-sgileadh, rudeigin a bha ar n-urras carthannach gu cinnteach airson a dhol air cùl agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic do UHI san adhbhar seo.”

Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche UHI airson Adhartas agus Com-pàirteachadh Alumni: “Tha e na urram coinneachadh ri daoine mar Iain a tha airson diofar a dhèanamh do bheatha dhaoine òga ann an sgìrean dùthchail le bhith a’ toirt taic do sgoilearachdan agus bursaraidhean UHI. Leis gu bheil an dithis againn air fàs suas air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan aig àm nuair a bha aig daoine ris an sgìre fhàgail airson a dhol don oilthigh, tha an tabhartas seo agus am faireachdainn air a chùlaibh, eadhon nas tiamhaidh. Bidh àite cudromach aig a’ mhaoineachadh fhialaidh bho Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby ann a bhith a’ comasachadh agus a’ brosnachadh dhaoine gu cùrsaichean UHI às na coimhearsnachdan aca fhèin.”

 Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu Sgoilearachd Urras Carthannach Buidheann Foillseachaidh Witherby, tadhail air www.uhi.ac.uk/witherby