Àrd-Ollamhachd ga bhuileachadh air eòlaiche cùram-slàinte

Tha Àrd-Ollamhachd air a bhuileachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air eòlaiche cùram-slàinte a tha gu sònraichte an sàs ann an coir leanailteach. Tha an tiotal air a bhuileachadh air an Oll. Nicola Carey, Ceannard Roinn Altramachd is Mnathan-glùine aig UHI, mar chomharra air an obair aice ann am foghlam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh.

Tha an t-Ollamh Carey, a tha a’ fuireach ann an Obar Itheachain faisg air Inbhir Nis, na banaltram barantaichte le còrr air 20 bliadhna de eòlas ann a bhith a’ teagasg agus a’ leasachadh curraicealam ann an suidheachaidhean clionaigeach agus acadaimigeach. Tha i air cuideachadh gus còrr air £3 millean fhaighinn ann am maoineachadh rannsachaidh fharpaiseach, air bruidhinn aig co-labhairtean nàiseanta is eadar-nàiseanta agus tha i an-dràsta a’ stiùireadh leasachadh air MSc ùr ann an cleachdadh adhartach dùthchail. Tha i na h-Iar-Chathraiche air Comann an Luchd-òrdachaidh agus na ball comataidh den Cho-obrachadh Eadar-nàiseanta airson Rannsachadh Altramachd Slàinte Coimhearsnachd.

Tha rannsachadh an Ollaimh Carey ag cuimseachadh air leasachadh agus luachadh ùr-ghnàthachadh ann an cleachdadh clionaigeach co-cheangailte ri coir leanailteach agus leasachadh sgioba-obrach. Leasaich pròiseict o chionn ghoirid, a chaidh a ghabhail os làimh le co-obraichean aig Oilthighean Surrey agus Shrath Chluaidh, Hospice Etiòpia, Ministrealachd Feadarail na Slàinte agus Hello Doctor, companaidh bathar-bog stèidhichte ann an Etiòpia, app gus taic a thoirt dha euslaintich a dh’fheumas cùram deireadh-beatha ann an Etiòpia. Thathas an dòchas gun tèid an app a leasachadh agus a dhearbhadh tuilleadh gus taic a thoirt dha euslaintich ann an grunn sgìrean dùthchail ann an Etiòpia, dùthchannan Afraganach eile agus Alba.

A’ bruidhinn mun tiotal ùr aice, thuirt an t-Ollamh Carey: “Tha mi air leth toilichte Àrd-Ollamh a bhuileachadh orm mar chomharra air a’ chùram acadaimigeach nàiseanta is eadar-nàiseanta agam, a tha a’ neartachadh cleachdadh altramachd is cùram-slàinte agus a’ neartachadh na h-ìomhaigh acadaimigich aig an Roinn Altramachd is Mnathan-glùine, còmhla ri ìomhaigh Sgoil na Slàinte, Cùram Sòisealta agus Saidheansan Beatha.”

Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Eadar-amail UHI: “Tha an tiotal Àrd-Ollamh glèidhte do dh’acadaimigich a tha air cliù àrd eadar-nàiseanta a stèidheachadh nan cuid rannsachaidh no sgoilearachd. Tha an t-Àrd-Ollamh Carey air a cùrsa-beatha a choisrigeadh a dh’ionnsaigh leasachadh air cùram dhaoine le tinneasan slàinte fad-ùine san RA agus ann an dùthchannan air feadh na cruinne. Tha mi air leth toilichte gun deach an obair aice aithneachadh san dòigh seo.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean slàinte aig UHI, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/courses