Oileanaich ciùil UHI gus na sgilean aca a thaisbeanadh aig Piping Live

Bidh oileanaich chiùil bho UHI a’ taisbeanadh nan sgilean aca aig aon de na tachartasan ciùil beò as motha ann an Alba le gnìomhadh air àrd-ùrlar aig Fèis Phìobaireachd Eadar-nàiseanta Ghlaschu air Dimàirt 09 Lùnastal.

see full size image
Ailis Sutherland

Bidh oileanaich is alumni bho chùrsa chiùil ghnìomhaichte UHI a’ cluich raon de phuirt thraidiseanta le ceanglaichean pìobaireachd mar phàirt de sheisean beò. Anns an t-seata, bidh port ùr air a sgrìobhadh gu sònraichte leis an fhìdhlear Anna-Wendy Stevenson, Stiùiriche Phrògraman ciùil ghnìomhaichte UHI, gus an com-pàirteachas leantainneach eadar UHI agus an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta a chomharrachadh.

Tha UHI air a bhith ag obair leis an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta airson grunn bhliadhnaichean gus cothroman a thoirt do dh’oileanaich ciùil, a’ gabhail a-steach oideachadh sònraichte agus eòlas obrach. Tha grunn luchd-ceumnachaidh bho cheum ciùil ghnìomhaichte UHI cuideachd air a dhol air adhart gu bhith ag obair aig an ionad, nam measg Ailis Shutharlanach bho An Ceathramh Mòr a tha na neach-teagaisg pìobaireachd agus Ellie NicLabhrainn bho Bràigh Mhàrr a fhuair dreuchd mar neach- cuideachaidh margaidheachd.

’S e an leasachadh as ùire sa chom-pàirteachas, aonta a leigeas le luchd-ceumnachaidh bho HND ùr an Ionaid Phìobaireachd Nàiseanta a dhol air adhart gu ceum BA (le Urram) ann an ceòl gnìomhaichte aig UHI a chrìochnachadh.

Thuirt Anna-Wendy Stevenson: “Tha an dàimh seo aig cridhe leasachaidh agus fàis air ar solar ciùil is cultair, a’ toirt cothrom do na h-oileanaich againn oideachadh eòlach fhaighinn bho chuid de na pìobairean as cliùitiche san t-saoghal.”

Thuirt Fionnlagh Dòmhnallach, Stiùiriche Pìobaireachd aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd: “Tha an t-ionad Pìobaireachd Nàiseanta air leth toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le UHI air an leasachadh shònraichte seo ann am foghlam pìobaireachd. Tha an com-pàirteachas co-obrachail seo a’ tabhann slighe ùr airson pìobaireachd ann an dòigh a tha gu math sùbailte agus inntinneach. Tha an t-ionnsachadh air astar agus an dòigh-obrach mheasgaichte air a bheil UHI fìor eòlach, a' toirt cothrom do phìobairean air feadh an t-saoghail an cuid pìobaireachd a leasachadh gu ìre ceuma le oideachadh bhon fheadhainn as fhèarr ann am pìobaireachd agus san t-saoghal ciùil thraidiseanta, anns an fharsaingeachd.

’S e comharrachadh fad seachdaine de chultar na pìobaireachd a th’ ann am Piping Live leis gach nì bho phìobaireachd thraidiseanta gu còmhlain cho-aimsireil uile air an cur ri chèile gus saoghal eadar-nàiseanta na pìobaireachd a riochdachadh. Thig an t-seachdain gu crìch le Farpais Chòmhlain Pìoba na Cruinne a chuir Glaschu Beò air dòigh às leth Comann Chòmhlain Pìoba Rìoghail na h-Alba. Bidh an fhèis a’ tàladh luchd-èisteachd bho air feadh an t-saoghail airson ceòl is cultar na h-Alba a chomharrachadh.

Bidh an seisean beò aig UHI a’ gabhail àite bho 6f Dimàirt 9 Lùnastal ann an Cafaidh na Sràide anns an Ionad Phìobaireachd Nàiseanta, Sràid MhicPhàdraig, Glaschu. Tha tuillidh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo https://pipinglive.co.uk/events

A dh'iarraidh tuillidh fiosrachaidh mu chùrsaichean ciùil aig UHI tadhail air www.uhi.ac.uk/courses