Prionnsapal agus iar-sheansalair eadar-amail air an cur an dreuchd airson UHI

Tha UHI air Vicki Nairn fhastadh mar Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair Eadar-amail.

Thàinig Vicki a-steach do UHI mar Iar-phrionnsapal Ghnìomhan bho Oilthigh Raibeart Gòrdan far an robh i na dreuchd mar Iar-phrionnsapal Obraichean Corporra, a’ stiùireadh leasachadh, lìbhrigeadh agus buileachadh ro-innleachdan corporra, ionmhais, malairteach agus ghoireasan.

Tha i na ceannard gnìomha eòlach a tha air a bhith ag obair gu farsaing thar nan roinnean prìobhaideach agus poblach ann an ceann a tuath na h-Alba airson faisg air 20 bliadhna.

Còmhla ri a h-àrd-dhreuchdan ceannardais, tha Vicki air a bhith ag obair mar chomhairliche do Riaghaltas na h-Alba air prìomh chùisean iomallach agus dùthchail, a bharrachd air a bhith a’ cumail dhreuchdan aig grunn bhùird nàiseanta foghlaim àrd-ìre agus san roinn phoblaich. Tha Vicki na Com-pàirtiche Clàraichte den Institiud Cùmhnantaichte Solarachaidh, a’ speisealachadh ann an com-pàirteachasan ro-innleachdail.

Thuirt Alastair MacColla, Cathraiche Cùirte UHI: “Bheir Vicki Nairn eòlas cudromach don dreuchd chudromaich seo san eadar-ama. Tha i a’ tuigsinn ar com-pàirteachais, agus na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh glè mhath, an dèidh a bhith a’ fuireach agus ag obair air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan airson faisg air 20 bliadhna.

“Tha sinn an dùil gum mair an dreuchd seo 18 mìosan, nuair a bhios Vicki os cionn sgioba àrd-stiùiridh UHI agus ar com-pàirteachas, a tha ag amas air ar planaichean àrd-amasach airson an ama ri teachd a chur an gnìomh agus a’ leantainn air adhart a’ lìbhrigeadh bhuilean air leth airson ar n-oileanaich, ar luchd-obrach agus na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.”

Tha i a' fuireach san Eilean Dubh còmhla ris an duine aice, Pòl, a tha na mhanaidsear aig NHS na Gàidhealtachd. Gabhaidh i a dreuchd sa bhad.