Thèid £393 millean gu lèir a chur an seilbh air sgàth Aonta Fàs nan Eilean a chaidh aontachadh eadar Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar

Chuir Ministearan Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba agus Ceannardan Chomhairlean Arcaibh, Shealtainn agus na h-Eileanan an Iar an ainmean ri aonta an-diugh (20mh Faoilteach) gus £100 millean a chur an seilbh airson saidhbhreas nan trì ùghdarrasan eileanach san àm ri teachd.

Thathar an dùil gun tèid suas ri 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393 millean a chur an seilbh mar thoradh air an aonta cruth-atharrachail airson Fàs nan Eilean eadar Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Shealtainn agus Comhairle Arcaibh.

Thairis air deich bliadhna, cuiridh Aonta Fàs nan Eilean taic-airgid an seilbh ann an 16 pròiseactan is prògraman a bhios a’ faighinn buannachd à stòrasan nàdarra air leth nan Eilean. Tha seo stèidhichte air na trì cuspairean ro-innleachdail a leanas: beag-charboin; a’ cur taic ri fàs eaconomach agus ghnìomhachasan san àm ri teachd; agus coimhearsnachdan seasmhach, soirbheachail, a’ crochadh air aonta chùisean gnìomhachais iomlan.

Air a cho-mhaoineachadh le suas ri £100 millean – £50 millean an urra bho Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte – gheibh Aonta Fàs nan Eilean barrachd taic-airgid suas ri £293 millean mar mhaoineachadh co-ionann.

Tha na trì Comhairlean Eileanach air an Aonta a leasachadh, còmhla ri com-pàirtichean poblach, acadaimigeach, gnìomhachais, coimhearsnachd agus treas-phàrtaidh.

Thathar an dùil sa chiad bhliadhna den phrògram deich-bliadhna gun tèid taic-airgid a chur an seilbh thairis air na h-Eileanan, a’ gabhail a-steach àrainnean OGE ann an Sealtainn agus sna h-Eileanan an Iar, agus Ionad Cothromachadh Carboin nan Eilean, a bhios stèidhichte air Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnàthachaidh Arcaibh ann an Stromness.

A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Eadar-amail aig UHI: “’S e clach-mhìle chudromach a tha seo do Phrògram Cùmhnant Fàs nan Eilean agus na choileanadh mòr dha na h-uile a tha an sàs ann. Tha dealas aig UHI gum bi buaidh chruth-atharrachail againn air na tha san amharc don sgìre againn agus a bhith a’ toirt taic do ar coimhearsnachdan, seirbheisean poblach agus gnìomhachasan. Tha iomairtean mar seo a’ cur gu mòr ri àm ri teachd ar coimhearsnachdan.

“Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair le co-obraichean ann an Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Shealtainn agus Comhairle Eileanan Arcaibh, le ar prìomh luchd-ùidhe agus le UHI Innse Gall, Colaiste Arcaibh UHI agus UHI Sealtainn gus taic a thoirt don chùmhnant agus pròiseactan cruth-atharrachail a ghluasad air adhart. Tha seo a’ gabhail a-steach leasachadh àrainn agus curraicealam, rannsachadh agus pròiseactan iomlaid eòlais a chuidicheas sinn gus foghlam agus rannsachadh àrd-inbhe a lìbhrigeadh, a bharrachd air tasgadh a tharraing a-steach agus taic a thoirt do chosnadh.”

Mhol Hannah Ritchie-Muir, Prionnsapal UHI Innse Gall, coileanadh na clach-mhìle chudromaich seo airson Cùmhnant Fàs nan Eilean, ag ràdh: “Tha UHI Innse Gall air a bhith na chom-pàirtiche làidir ann an leasachadh na lèirsinn agus nam beachdan pròiseict a thàinig gu bith. 'S ann mar thoradh air an oidhirp mhòr agus an obair chruaidh a rinn a h-uile com-pàirtiche tron ìre leasachaidh seo a tha sinn air an aonta fhoirmeil seo a choileanadh agus a shoidhnigeadh. Tha sinn a cheart cho dealasach mun ìre lìbhrigidh agus na pròiseactan fhaicinn a’ tighinn gu bith, mar bhuannachd don òigridh agus ar coimhearsnachdan. Tro chom-pàirteachas UHI agus an aonadh san amharc againn le UHI Gàidhealtachd a Tuath agus UHI Gàidhealtachd an Iar, is urrainn dhuinn cothroman gun samhail agus sàr-mhathas ann an ionnsachadh, trèanadh agus taic a thabhann do gach oileanach, gnìomhachas agus coimhearsnachd dhùthchail.”

Thuirt Sìne Lewis, Prionnsapal UHI Sealtainn: “Tha UHI Sealtainn a’ coimhead air adhart ri togail air Cùmhnant Fàs nan Eilean airson an ama ri teachd do Shealtainn agus na h-eileanan, tro cho-obrachadh leantainneach le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA, gnìomhachasan ionadail, an com-pàirteachas UHI san fharsaingeachd, agus luchd-ùidhe eile. Tha aonta foirmeil agus soidhnigeadh-dheth an latha an-diugh na chomharradh air àm brosnachail dha na com-pàirtichean uile, agus do na coimhearsnachdan againn a gheibh buannachd às na leasachaidhean a tha a’ dol air adhart. Tha na ceanglaichean a tha sinn air a chruthachadh le cumhachd ath-nuadhachail, sgilean uaine agus roinn an fhànais a’ nochdadh gu bheil àm ri teachd beòthail aig Sealtainn. Airson UHI Sealtainn tha sinn air bhioran mun tasgadh san roinn treas-ìre, gu h-àraidh ar planaichean ath-leasachaidh air an àrainn, a tha a’ comharrachadh Shealtainn mar cheann-uidhe beòthail airson a bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach.”

An dèidh soidhneadh an aonta ann an seòmar Comhairle Arcaibh, thuirt Calum Offord, Ministear na h-Alba Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte: “Chan e mhàin gun toir seo spionnadh do dh’eaconamaidhean ionadail agus gun cruthaich e cosnaidhean, bheir e comas cuideachd do choimhearsnachdan na buannachdan as fheàrr fhaighinn a-mach à stòrasan nàdarra nan Eilean a tha a’ ciallachadh gu bheil iad nan àitean sònraichte airson a bhith a’ fuireach.

“Tha an t-aonta seo làn sreath farsaing de phròiseactan a bheireadh deagh bhuaidh air an eaconamaidh, a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, a bhith a’ stiùireadh an eadar-ghluasad gu cothromachadh carboin no a’ leasachadh àitean a tha air leth tarraingeach do luchd-tadhail mar Shlighe Hiort.

“Tha an taic-airgid de £50m a tha Riaghlatas na Rìoghachd Aonaichte a’ cur ri aonta nan Eilean, a bharrachd air airgead-seilbhe àrd-ìreachaidh eile, a’ sealltainn ar dealas gus taic a chur ris na h-Eileanan Albannach.”

Thuirt Ministear Gnìomhachais Riaghaltas na h-Alba, Ivan McKee: “’S e iomairt chruth-atharrachail a th’ anns an Aonta Fàis – a’ comasachadh fàs eaconamach seasmhach agus a’ lìbhrigeadh bun-structar puirt ùr a bhios cudromach gu h-eadar-nàiseanta, agus a bhios cudromach ann a bhith a’ coileanadh thargaidean cothromachadh carboin.

“Cuiridh taic-airgid £50 millean Riaghaltas na h-Alba taic ris an eadar-ghluasad gu lùth ath-nuadhachail – a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh sgilean ùra don luchd-obrach – agus iomairtean gus eimiseanan a lùghdachadh fheuchainn sna h-Eileanan. Brosnaichidh e obair ùr-ghnàthach ann an roinnean cudromach mar fhànas, biadh is deoch agus ghnìomhachasan cruthachail; cuidichidh e ann a bhith a’ leasachadh chinn-uidhe turasachd agus cultarach, agus a’ leudachadh air solar foghlaim.

“Tha sinn daingeann gum bi ar n-eileanan nan àitean tarraingeach airson a bhith a’ fuireach is ag obair, agus gun urrainn dhaibh taic a chur ri cruth-atharrachadh eaonamach is seasmhach na h-Alba cho math ’s as urrainn.”

Thuirt Comhairliche Seumas Stockan, Ceannard Comhairle Arcaibh: “Tha soidhneadh na sgrìobhainne cudromaiche seo an-diugh ann an Arcaibh mar chlach-mhìle eile air ar turas ri chèile agus nar lèirsinn airson ar n-eileanan airson an àm ri teachd.

“Tha sinn air a bhith ag obair gu soirbheachail le chèile gus an t-aonta fàis aontachadh leis ar riaghaltasan ann an Lunnainn agus Dùn Èideann gus am bi àm ri teachd nas fheàrr againn uile. Chan e mhàin gu bheil an t-aonta ag aithneachadh gu bheil dùbhlain air leth againn sna h-Eileanan, ach gu bheil neartan againn cuideachd nar stòrasan nàdarra agus sna cothroman a tha sinn a’ tabhann.”

Thuirt Pòl Steele, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar: “Tha soidhneadh Aonta Fàs nan Eilean an dà chuid mar lèirsinn a chaidh a chur air bhonn tro cho-obrachadh eadar Comhairlean nan Eilean agus Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, agus mar thoiseach lìbhrigeadh na lèirsinne sin.

’S e clach-mhìle a th’ ann a bhith a’ coileanadh ar n-amasan gus 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393m de dh’airgead a chur an seilbhe thairis air deich bhliadhna tron Aonta nan Eilean, a’ cleachdadh ghoireasan nan Eilean agus a’ faighinn buannachd às na stòrasan nàdarra againn, agus as cudromaiche buileach, às na daoine a tha a’ fuireach sna h-Eileanan.”

Thuirt Emma NicDhòmhnaill, Ceannard Comhairle Shealtainn: “Tha pròiseactan san Aonta a thèid a choileanadh a-mhàin air eileanan sònraichte, le prìomhachas air cothroman agus prìomhachasan ionadail, a bharrachd air an fheadhainn a thèid an coileanadh tro obair chom-pàirteachaidh gus saidhbhreas eaconamach airson ar n-eileanan gu lèir a thoirt gu buil. Cha b’ urrainnear na pròiseactan air leth cudromach seo a tha a’ cur taic ri seasmhachd nan Eilean a leasachadh gun taic agus airgead-seilbhe Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba.

“Tha sinn air a bhith a’ leasachadh ar com-pàirteachas fhad ’s a tha sinn air a bhith a’ leasachadh an Aonta, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn mar a bhios e a’ leasachadh sna deich bliadhna a tha romhainn.”

Thèid na milleanan de dh’airgead-seilbhe a chosg air na pròiseactan a leanas.

A’ stiùireadh na slighe gu àm beag-charboin ri teachd

  • Ionad nan Eilean airson Cothromachadh Carboin
  • Co-ionad Connaidh Scapa Flow
  • Co-ionad Lùtha nan Eilean Siar
  • Pròiseact lùtha Ghlain Shealtainn
  • Cidhe Ro-Dhomhain Dales Voe

A’ cur taic ri fàs agus gnìomhachasan san àm ri teachd

  • Soirbheas nan Eilean Cruthachail
  • Leasachadh Ceann-uidhe nan Eilean Siar
  • Slighe Dualchais Arcaibh
  • Tuathanas Dìreach Arcaibh
  • Shell-volution
  • Prògram Biadh is Deoch nan Eilean Siar
  • Port-fànais 1

Coimhearsnachdan Soirbheachail Seasmhach

  • Eileanan TalEntEd
  • Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnàthachaidh Arcaibh
  • Ath-leasachadh Àrainn Shealtainn
  • Ath-leasachadh Àrainn nan Eilean Siar
  • Ath-leasachadh Knab