Oileanaich banaltrachd agus banas-glùine air an urram aig cuirm ceumnachaidh

Chomharraich còrr is 100 ceumnaiche na choilean iad aig cuirm ceumnachaidh banaltrachd is banas-glùine UHI an-diugh (Diardaoin 17 Samhain). B’ e an t-seirbheis, a ghabh àite anns an Eaglais Shaor a Tuath ann an Inbhir Nis, a’ chiad cheumnachadh aig UHI ann am banaltrachd is banas-glùine às deidh galar lèir-sgaoilte COVID-19.

see full size image
Mark Richards

Chaidh na ceumnaichean a thoirt a-steach don chuirm leis a’ phìobaire ionadail agus oifigear Gàidhlig UHI, DJ Mac an t-Saoir, agus chuir an t-Àrd-Ollamh Brian Williams, ceannard Sgoil Slàinte, Cùram Sòisealta agus Saidheansan Beatha UHI meal-a-naidheachd orra. Chaidh a’ phrìomh òraid a thoirt seachad le Prìomh Oifigear Banaltrachd Co-cheangailte Riaghaltas na h-Alba, Mark Richards, a mhol seasmhachd agus dealas nan oileanach tron ​​ghalar sgaoilte.

Chomharraich na ceumnaichean, còmhla ri còrr air 280 aoigh, soirbheachas ann an raon de theisteanasan a’ gabhail a-steach Teisteanasan Nàiseanta Àrd-ìre, Dioplòma Nàiseanta Àrd-ìre, ceuman agus prògraman for-cheum.

Chaidh Oileanach na Bliadhna aig UHI ainmeachadh mar Somhairle MacThòmais (20) à Farrais. Thòisich Somhairle air prògram banaltrachd BSc UHI ann an 2020, às deidh dha HNC ann an cleachdadh cùram-slàinte a chrìochnachadh aig UHI Moireibh a’ bhliadhna roimhe sin. Thug na h-òraidichean aige cunntas air mar oileanach air leth a sheall beus obrach làidir agus a choisinn ìrean acadaimigeach àrd.

Aig an t-seirbheis, thug UHI dotaireachdan urramach seachad don Dr Clare Mhoireasdan agus don Àrd-Ollamh Dàibhidh Lurie. Tha dreuchd eadar-mheasgte air a bhith aig an Dr Mhoireasdan, Stiùiriche Comann Rìoghail Cungaidh-leigheis na h-Alba ann am bùth-chungaidhean, leasachadh càileachd agus ceannardas proifeasanta. Chaidh an dotaireachd aice a bhuileachadh mar chomharra air na chuir i gu mòr ri bhith a’ brosnachadh agus ag àrdachadh ruigsinneachd air seirbheisean poblach, gu sònraichte air slàinte dhidseatach sa Ghàidhealtachd agus gu nàiseanta.

Tha an t-Àrd-Ollamh Lurie na neach-saidheans cliùiteach a bha gu sònraichte an sàs ann am fiosaig meidigeach. Mus do leig e dheth a dhreuchd ann an 2021, bha e na Chathraiche air Fiosaig Bith-mheidigeach aig Oilthigh Obar Dheathain, far a bheil e a-nis na Àrd-Ollamh Emeritus. Tha an dotaireachd aige ag aithneachadh na chuir e ann an dòigh air leth ri leasachadh rannsachadh agus gnìomhachd sgoilearach tarsainn UHI.

Às deidh na seirbheis bha cuirm anns an Ionad airson Saidheans Slàinte.

Thuirt an Dr Nicola Carey, Ceannard Banaltrachd is is Banas-glùine: “Is e seo a’ chiad cheumnachadh againn a tha a’ comharrachadh na chaidh a choileanadh  rè galar lèir-sgaoilte COVID-19. Bha pàirt deatamach aig na h-oileanaich banaltrachd is  banas-glùine againn ann a bhith a’ toirt taic do dh’obair an NHS thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh, a bharrachd air an cuid ionnsachaidh acadaimigeach a chrìochnachadh. Tha sinn an seo an-diugh gus moit a nochdadh anns na rinn iad agus a bhith a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh agus iad a’ gabhail an ath cheum ann a bhith a’ frithealadh ar coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach.”

Somhairle MacThòmais - Buannaiche Oileanach Banaltrachd is  Banas-glùine na Bliadhna, Oileanach na Bliadhna aig UHI agus duaisean Banaltrachd an t-Seansalair

Thòisich Somhairle MacThòmais air prògram banaltrachd  BSc UHI ann an 2020, às deidh dha HNC ann an cleachdadh cùram-slàinte a chrìochnachadh aig UHI Moireibh. Thug na h-òraidichean aige cunntas air mar oileanach air leth a bha a’ nochdadh beus obrach làidir agus a bha an-còmhnaidh a’ coileanadh ìrean acadaimigeach àrd

Thog Somhairle cliù airson a bhith a’ dol nas fhaide na riatanasan a’ phrògraim cheuma agus greisean gnìomhachais clionaigeach. Rinn e sgrùdadh rannsachaidh air beachdan fhireannaich a thaobh banaltrachd mar dhreuchd, leasaich e leabhar-seòlaidh airson luchd-dreuchd banaltrachd adhartach agus chruthaich e plana cùraim coitcheann airson cùram caiteatair.

Tha e cuideachd air a mholadh airson a bhuadhan pearsanta, le luchd-obrach agus luchd-clionaigeach a’ moladh a choibhneis, fhulangas agus a dhòigh chàirdeil.

Air cùl nan coileanaidhean sin, tha Somhairle air a bhith a’ dèiligeadh ri bàs a mhàthar. A dh’aindeoin a mhàthar a chall nuair a bha e dìreach 17, tha e air a bhith dìorrasach a bhròn a chleachdadh ann an dòigh dheimhinneach le bhith a' tagradh airson an fheadhainn a dh’fheumas cùram deireadh beatha.Tha Somhairle a’ ceumnachadh le cliù agus tha e air maoineachadh fhaighinn airson tòiseachadh air ceum Maighstireachd Rannsachaidh le roinn slàinte dùthchail UHI. Tha e cuideachd air dreuchd fhaighinn mar bhanaltram luchd-obrach coimhearsnachd dhùthchail.

A’ bruidhinn mu na duaisean aige, thuirt e: “Tha e na urram dha-rìribh na duaisean seo fhaighinn mar chomharra air an obair agus an sgrùdadh agam thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Chòrd an ùine agam air a’ phrògram BSc banaltrachd aig UHI gu mòr rium, a thug dhomh an t-eòlas, na sgilean agus an diongmhaltas gus cùram àrd-inbhe a lìbhrigeadh mar bhanaltram clàraichte. Tha an taic a fhuair mi bhon dà chuid luchd-obrach acadaimigeach agus luchd-taic, air a bhith air leth math agus tha e air cothrom a thoirt dhomh a dhol an sàs ann an cothroman a bharrachd leithid rannsachadh agus leasachadh càileachd. Tha an t-eòlas a th’ agam air an teagasg bharraichte bho na h-òraidichean agam air mo bhrosnachadh gus dreuchd chlionaigeach a chothromachadh, mar bhanaltram luchd-obrach coimhearsnachd an-dràsta, le tuilleadh rannsachaidh iar-cheumnach a’ sgrùdadh  deòin bhanaltraman air cùram deireadh-beatha a lìbhrigeadh ann an coimhearsnachdan dùthchail.”

Ronie Walters - a’ chiad cheumnaiche PhD ann am banaltrachd is  banas-glùine aig UHI

'S e an Dr Ronie Walters (47) à Inbhir Nis a' chiad neach a cheumnaich le PhD bho roinn banaltrachd is banas glùine UHI.

Thuirt i: “Roghnaich mi an PhD a ghabhail os làimh airson dùbhlan pearsanta. Is toigh leam a bhith ag ionnsachadh, agus às deidh dhomh mo mhaighstireachd a chrìochnachadh ann an eòlas-inntinn adhartach gnìomhaichte, b’ e sin an ath cheann-uidhe airson a bhith ag amas. Tha a bhith a’ faighinn PhD a’ sealltainn sgilean so-ghluasadach cudromach - rannsachadh, smachd, eagrachadh, comas ioma-obair, stiùireadh dàta agus mion-sgrùdadh.

“Sheall an rannsachadh agam air a’ bhuaidh a tha aig litearrachd slàinte (mar a nì sinn fiosrachadh agus seirbheisean ruigsinneach, so-thuigsinneach agus so-ghnìomhach ) ann an seirbheisean ath-ghnàthachaidh cridhe. Bha mi fortanach dà neach-stiùiridh iongantach a bhith agam (An t-Àrd-Ollamh Trish Gorely agus an t-Àrd-Ollamh Stephen Leslie) a rinn am pròiseas na fhìor thoileachas.

“A-nis gu bheil mi air crìoch a chuir air PhD, tha cùrsa-beatha eadar-dhealaichte a’ còrdadh rium ag obair mar neach-rannsachaidh ann an roinn eòlas-inntinn slàinte aig Oilthigh Shruighlea, a’ toirt seachad òraid air eòlas-inntinn sòisealta leis an Oilthigh Fhosgailte agus a’ toirt seachad trèanadh neo-cheangailte, co-chomhairleachadh rannsachaidh agus seirbheisean coidsidh.”

B’ e comharrachadh dùbailte a bh’ ann dha teaghlach Walters leis gun do cheumnaich an duine aig Ronie Stephen aig cuirm an latha an-diugh às deidh dha crìoch a chur air BSc ann  am banaltrachd slàinte inntinn leis an roinn.

Vasi Chrysanthakopoulou - ceumnaiche eadar-nàiseanta

Ghluais Vasi Chrysanthakopoulou (42) às a’ Ghrèig gu Bucaidh ann an 2015 gus fuireach còmhla ri a leannan (a-nis leannan-geallta), Shaun Fleming. Tha i a’ ceumnachadh le BSc ann am banaltrachd slàinte inntinn le cliù.

Thuirt i: “Bha mi a-riamh an sàs ann an slàinte agus cùram sòisealta, agus ann an 2019, chuir mi crìoch air an HNC agam ann an seirbheisean sòisealta tro UHI Moireibh mus do thòisich mi air mo cheum ann am banaltrachd slàinte inntinn. Ged nach robh e an-còmhnaidh furasta, cha do rinn mi a-riamh dàrna tomhas no aithreachas air mo cho-dhùnadh.

“Bu mhath leam mo bheatha obrach a choisrigeadh do sheirbheisean slàinte inntinn agus tha mi air dreuchd fhaighinn mar bhanaltram luchd-obrach ann an uàrd crìonaidh-inntinn anns an ospadal ionadail. Cha bhithinn air a bhith comasach air seo a dhèanamh às aonais taic bho òraidichean iongantach aig UHI agus tha an tidsear acadaimigeach pearsanta agam, Sam, gu sònraichte airidh air bonn agus Halò!”