Co-labhairt air eachdraidh oirthireil ann an Dòrnach

Is ann air eachdraidh sgìrean oirthireil a bhios fòcas co-labhairt eadar-nàiseanta ann an Dòrnach air an ath-mhìos.

Frithealaidh luchd-labhairt fiosrach às gach ceàrn ‘Linntean is Fiòrdan: Co-labhairt Eachdraidh Oirthireil’, a chaidh a chur air dòigh leis an Ionad Eachdraidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Thig còrr is 70 com-pàirtiche is preseantair às an RA, Fionnlainn, Canada agus Ameireaga chun an tachartais a mhaireas trì làithean.

Cho math ri farsaingeachd de theamaichean eadar-nàiseanta, sgrùdaidh a’ cho-labhairt cuspairean ionadail leithid ainmean-àite Lochlannach ann an àiteachan far a bheilear a’ bruidhinn na Gàidhlig, an gnìomhachas salainn ann am Brùra, cruthachadh sheirbheisean adhair anns na h-Eileanan a Tuath is na h-Eileanan an Iar agus creideamh ann am bana-bhuidsichean ann an coimhearsnachdan oirthireil na h-Alba.

Bidh cothrom aig com-pàirtichean pàirt a ghabhail ann an gnìomhachdan sòisealta agus sgrìoban a-mach cuideachd le cothrom uisge-beatha fheuchainn aig Club Goilf Dòrnach Rìoghail, cèilidh, ceòl agus turas de làraichean Cruithneach air Rubha na Manachainn Rois.

Faodaidh am mòr-shluagh barrachd fhaighinn a-mach mu eachdraidh oirthireil cuideachd. Bidh taisbeanadh le buidhnean agus pròiseactan eachdraidh ionadail aig Club Sòisealta Dhòrnaich, far an tèid a’ mhòr-chuid den cho-labhairt a chumail, feadh an tachartais.

A’ bruidhinn mun cho-labhairt, thuirt an t-Oll Dàibhidh Worthington, ceannard ionad eachdraidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Ged a chuir sinn àireamh de cho-labhairtean air leth soirbheachail air dòigh tron ionad is tron oilthigh ron seo, cha robh cruinneachadh acadaimigeach cho mòr ri seo ann an Dòrnach gu ruige seo. Tha sinn fìor thoilichte mu dheidhinn sin agus mu inbhe an luchd-labhairt againn, an fheadhainn ionadail is an fheadhainn a bhios a’ tighinn às gach ceàrn, gus òraidean a thoirt seachad agus a’ cho-labhairt fhrithealadh.”

Bidh an t-Àrd-Ollamh Isaac Land, eòlaiche ann an Eachdraidh Oirthireil aig Oilthigh Stàit Indiana, am measg an luchd-labhairt aig an tachartas. Mhìnich esan: “Tha mi a’ tighinn às na Stàitean Aonaichte gus a’ cho-labhairt Linntean is Fiòrdan fhrithealadh leis gur e seo a’ chiad cho-labhairt a chaidh a chur air dòigh mu raon eachdraidh nan oirthirean a tha a’ tighinn am follais. Bidh còrr is billean neach air feadh an t-saoghail a’ fuireach ann an sgìrean ìosal a tha gu sònraichte fosgailte gu atharrachadh gnàth-shìde agus bidh mòran eile a’ fuireach ann an sgìrean far a bheil sluagh mòr nach eil fada air falbh bhon chuan. ’S urrainn dha eachdraidh oirthireil ar cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn mar a ràinig sinn an ìre seo agus faodaidh gum faigh sinn seallaidhean air na h-ath cheumannan.”

Gabhaidh Linntean is Fiòrdan: Co-labhairt Eachdraidh Oirthireil àite ann an Dòrnach eadar Diardaoin 31 Màrt agus Disathairne 2 Giblean. Gus àite a ghleidheadh no barrachd fiosrachaidh fhaighinn, tadhail air www.history.uhi.ac.uk. Feumar àiteachan a ghleidheadh ro Diluain 15 Gearran.

Fhuair a’ cho-labhairt taic bho Visit Scotland, Comhairle na Gàidhealtachd, Corporaid Charnegie New York; Tuath-gaoithe Far-cladaich Beatrice Earranta, Maoin Choimhearsnachd Tuath-gaoithe Beinn Tharsuinn/Comhairle Coimhearsnachd Dhòrnaich agus Comann Cataibh Dhùn Èidinn.