Ceumnaiche Gàidhlig sònraichte a’ buannachadh tiotal Oileanach na Bliadhna

Tha ceumnaiche a chuir crìoch air ceum le urram a dh’aindeoin a bhith a’ fulang le droch shuidheachadh meidigeach, air a h-ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna 2017 aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Choisinn Hannah NicDhiarmaid (22) ceum BA (le Urram) ann an cànan is cultar na Gàidhlig agus i a’ dèiligeadh le cystic fibrosis, tinneas buan cuibhreachail a tha a’ toirt buaidh air na sgamhanan agus air an t-siostam cnàmhaidh. Clàraichte mar oileanach ag ionnsachadh air astar aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, chrìochnaich i a ceum bho a dachaigh ann an Torbhaig, Port Rìgh, san Eilean Sgìtheanach.
 
Chaidh Hannah ainmeachadh airson na duais seo le stiùiriche a’ phrògraim aice, Mark Wringe. Mhìnich esan: “Mar stiùiriche a’ phrògraim agus òraidiche cuid de na modalan aig Hannah, chan fhaca mise ach oileanach comasach a bha gu cunbhalach a’ cur a-steach a  h-obair ann an àm, a bha an-còmhnaidh ullaichte airson clasaichean agus a choilean deagh thoraidhean. Bha i a’ com-pàirteachadh ann an deasbadan sa chlas agus a’ freagairt cheistean le susbaint, gun a bhith a’ tarraing aire thuice fhèin. Bha i dìreach a’ dèanamh a dìchill.
 
“Nuair a nochd i an toiseach air ceangal bhidio bho a leabaidh san ospadal, chùm i a’ dol ann an dòigh cho gnothaicheil agus cho nàdarra, agus gun do ghuidh mi soirbheachadh dhi gun cheist sam bith a chur oirre. Lean mi i ann a bhith a’ cumail air adhart ann an dòigh àbhaisteach, gun a bhith a’ faireachdainn gun robh còir aice fiosrachadh a thoirt dhomh. ’S ann dìreach o chionn ghoirid a tha mi air beachd fhaotainn air an oidhirp a dh’fheumadh Hannah a dhèanamh airson turas oileanaich àbhaisteach a bhith aice gun stad sam bith. Tha làn spèis agam do a miann air a ceann-uidhe a choileanadh air an aon bhunait ris gach neach eile. Tha e iorònach gun robh a gnìomhadh earbsach cunbhalach mar nì sam bith eile ach àbhaisteach.”
 
Is i Lesley Blaikie, banaltram a tha speisealaichte ann an cystic fibrosis le NHS na Gàidhealtachd, aon den sgioba mheidigeach a bhios a’ toirt cùram do Hannah. Thuirt i: “Mar bhanaltram aig a bheil làn eòlais, cha tàinig mi a-riamh tarsainn air boireannach òg a tha cho brosnachail rithe. A dh’aindeoin a bhith a’ strì gun stad ri sgìths gun lasachadh agus droch shlàinte,  chuir Hannah a cuid ionnsachaidh an-còmhnaidh air thoiseach. Cha do chuir fiù ùine san ospadal bacadh oirre. Chuireadh i a-mach a leabhraichean air an leabaidh agus bhiodh a laptop aice ri làimh airson seiseanan air astar. Cha robh an seòrsa diongmhaltas seo air a chall air an sgioba-obrach mheidigich. Tha e air a bhith na adhbhar irioslachaidh dhuinn uile a bhith a’ faicinn nach eil am boireannach òg seo air leigeil le droch shlàinte sònrachadh cò i.”
 
A’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Hanna: “Roghnaich mi Gàidhlig a sgrùdadh oir tha ùidh agam ann an cànanan, agus an dèidh beagan ionnsachadh san sgoil bha mi airson cumail air adhart agus tuilleadh ionnsachadh mun chultar cuideachd. ’S e urram a th’ ann an duais seo fhaighinn, gu h-àraid agus gun mi air mo thogail le Gàidhlig, agus bidh mi gu bràth taingeil do gach neach aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, aig an taigh agus sgioba an cystic fibrosis, airson an taic choibhneil agus am misneachadh, a bha cho prìseil dhomh.”
 
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean: “Chaidh Hannah a thaghadh gu h-aon-ghuthach mar oileanach na bliadhna leis na riochdairean uile air a’  phannal breithneachaidh againn. Tha a diongmhaltas agus a dìcheall a dh’aindeoin suidheachadh pearsanta dùbhlanach air a bhith gun choimeas, a’ taisbeanadh na ghabhas a choileanadh nuair a chuireas tu romhad e. Tha mi air leth toilichte gu bheil Hannah air ceum le urram a chosnadh ann an cuspair mu bheil i a’ faireachdainn cho làidir agus tha mi a’ guidhe dhi gach soirbheachadh san àm ri teachd.”
 
Fhuair Hannah teisteanas agus seic airson £200 nota aig seirbheis ceumnachaidh Sabhal Mòr Ostaig UHI air Dihaoine 6 Dàmhair. A-nis, on tha i air crìoch a chur air a ceum acadaimigeach, tha i an dòchas leantainn air adhart ag ionnsachadh mun Ghàidhlig agus ga cleachdadh cho tric ’s as urrainn dhi.