Cuireadh don phoball beachd a thoirt air Plana Gàidhlig an oilthighe

see full size image
Oileanaich Ghàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ foillseachadh co-chomhairle phoblach air a’ Phlana Ghàidhlig ùr aca a tha san amharc.  
 
Tha an sgrìobhainn a’ mìneachadh mar a tha an t-oilthigh an dùil leantainn air adhart ag adhartachadh agus a’ leasachadh cleachdadh air a’ Ghàidhlig tro a mhodhan-obrach, a chonaltraidhean agus tron churraicealam bho 2018 gu 2022.

Am measg nam molaidhean, tha neartachadh air Gàidhlig sa churraicealam, toradh barrachd stòrasan dà-chànanach do dh’oileanaich, solarachadh chothroman trèanaidh do luchd-obrach agus meudachadh na h-uimhir de Ghàidhlig ann an stuthan margaideachd agus conaltraidh.
 
Is e an sgrìobhainn seo an trìtheamh Plana Gàidhlig aig an oilthigh.  B’ e an t-oilthigh a’ chiad aitreabh foghlaim àrd-ìre ann an Alba a thug Plana Gàidhlig gu buil, ann an 2010. Tha cuireadh aig buill den phoball am plana ùr a leughadh agus am beachdan air a cho-roinn rè nan ochd seachdainean den cho-chomhairle.  
 
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthighe, “Tha Gàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas na h-Alba, den dearbh-aithne nàiseanta agus den bheatha chultaraich. Mar an t-aon oilthigh stèidhichte anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, tha sinn gu làidir mothachail do ar dleastanasan gu inbhe na Gàidhlig a neartachadh agus a cleachdadh adhartachadh tro na cothroman ionnsachaidh a tha sinn a’ solarachadh.
 
“Tha mi moiteil às ar coileanaidhean gu ruige seo, le meudachadh air faicsinneachd agus osgarrachd na Gàidhlig nar seirbheisean do na h-oileanaich, don luchd-obrach agus don phoball, fhad ’s a tha sinn a’ cruthachadh chothroman airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus ionnsachadh cànain a bhith nas fhasa fhaotainn air bunait nas fharsainge.
 
“Tha sinn an dòchas gun tog am plana ùr againn air na h-euchdan sin, a’ taisbeanadh dealas leantainneach an oilthighe ann an leasachadh agus neartachadh na Gàidhlig.
 
“Tha co-chomhairleachadh na phàirt chudromach den phròiseas, agus mar sin mholainn do neach sam bith le ùidh sa phlana am beachdan a roinn.”
 
Bidh a’ cho-chomhairle air treasaibh Plana Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2018 gu 2022 a’ ruith bho 25 Ògmhios gu 20 Lùnastal.