Sgrìobh profaidhl dreuchd

An urrainn dhut oileanaich làithreach agus ri teachd a chuideachadh le bhith a’ roinn d’ eòlasan oilthighe is dreuchd agus comhairle? susbaint

An urrainn dhut oileanaich làithreach agus ri teachd a chuideachadh le bhith a’ roinn d’ eòlasan oilthighe is dreuchd agus comhairle?

Le bhith a’ lìonadh profaidhl dreuchdail, faodaidh oileanaich ri teachd samhla a dhèanamh air far am faod an ùine aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an stiùireadh agus faodaidh oileanaich làithreach dèanamh cinnteach gum faigh iad eòlas buntainneach tron chomhairle agad.

Is e ionad dhreuchdan bhiortail a th’ ann an Ionad Dhreuchdan is Comas-obrach an oilthighe a tha ag amas air oileanaich is ceumnaichean a sholarachadh le taic a thaobh raon iomlan de dhreuchdan is comas-obrach, a tha ruigsinneach fad beatha. Còmhla, tha sinn a’ togail cruinneachadh de phrofaidhlean dreuchdail cheumnaichean gus sealladh neo-mhearachdach agus fìor a thoirt seachad air an t-saoghal obrach. Tha leughadh mu eòlas cheumnaichean, gu h-àraidh iadsan a rinn sgrùdadh air a’ chuspair ceum cheudna, an dà chuid lèirsinneach agus misneachail do dh’oileanaich a tha a’ planadh an dreuchdan fhèin.

Crìochnaich do phrofaidhl dreuchdail mas e do thoil e, agus till e thugainn aig alumni@uhi.ac.uk. Cha bhi air fhollaiseachadh ach do chiad ainm, cha fhollaisich sinn do shloinneadh no d’ fhiosrachadh aig àm sam bith. Faodaidh tu cuideachd innse mura h-eil thu airson ainm na buidhne agad a thaisbeanadh.

Nam bu mhath leat cuideachd obair shaor-thoileach a dhèanamh mar thosgaire, clàraich an seo.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh fo ar Poileasaidh Prìobhaideachd.