Home Mu UHI An Seansalair

An Seansalair

A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa RìoghailIs i A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail ciad Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Is e an Seansalair as ceannard don oilthigh ann an ainm. Ghabh a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail ris an dreuchd san t-Samhain 2011, agus chaidh a cur an dreuchd gu foirmeil ann an deas-ghnàth ann an Cathair-bhaile Inbhir Nis san Ògmhios 2012. Bidh dleastanasan aig a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail a bhios an dà chuid deas-ghnàthach agus tosgaireach, agus i a’ riochdachadh an oilthigh san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.

An Gearradh-arm

Ghabh ar Seansalair ris na litrichean còrach às leth an oilthigh bhon Leòghann-mhorair, Arm-rìgh na h-Alba, a’ toirt don oilthigh a Shuaicheantasan Àrdarcach (Gearradh-arm) air an latha a chaidh a cur an dreuchd san Iuchar 2012.

Tha e cudromach an co-chur de chruthan is dathan a tha air a’ ghearradh-arm. Chithear air an fhear againne 13 duilleagan calltainn mar shamhla air a’ chom-pàirteachas againn, ròs combaiste agus fleur de lys mar shamhla air an sgìre shònraichte san taobh tuath anns a bheil sinn agus dà leabhar fhosgailte mar shamhla air foghlam.

An Seansalair a’ faighinn nan litrichean còrach bhon Leòghann-mhorair

An Seansalair a’ faighinn nan litrichean còrach bhon Leòghann-mhorair

Chaidh an Gearradh-arm a bhuileachadh air an oilthigh ann an 2012 agus chan fhaodar a chleachdadh ach air àireamh chuibhrichte de shuaicheantasan agus sgrìobhainnean. Feumar cead fhaighinn bho Stiùiriche Margaideachd, Conaltradh agus Planaidh