Home Mu UHI Riaghladh

Riaghladh

Is e companaidh earranta a th’ ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus tha e air a riaghladh ann an co-rèir ris na h-artaigilean companaidh aige.

A’ Chùirt

Is e a’ Chùirt buidheann riaghlaidh an oilthigh. Tha uallach iomlan air a’ chùirt airson stiùireadh ro-innleachdail agus riaghladh an oilthigh. Aig ìre obrachaidh, bidh a’ chùirt a’ tiomnadh mòran de na dleastanasan aice do chomataidh phoileasaidh agus ghoireasan a’ chom-pairteachais àrd-fhoghlaim, comhairle acadaimigeach agus comataidhean.

Comhairle Acadaimigeach

Is i a’ Chomhairle Acadaimigeach an t-ùghdarras as airde airson àrd-fhoghlaim aig an oilthigh. Bidh i a’ tiomnadh cuid de na dleastanasan aice do dh’àireamh de chomataidhean.

An Stèidheachd

Is e a th’ anns An Stèidheachd ceangal eadar an oilthigh agus a choimhearsnachdan agus bidh e a’ gabhail uallach airson gairm an oilthigh.

Poileasaidhean agus cùisean laghail

Tha àireamh de phoileasaidhean agus riaghailtean ann a bhios a’ toirt buaidh air luchd-obrach, oileanaich agus a’ choimhearsnachd nas fharsainge.

 

Neach-conaltraidh: Roger Sendall, manaidsear riaghladh corporra.