Ionad Ùr-ghnàthachaidh Nuadh airson nan Saidheansan Beatha a’ fosgladh air Àrainn Inbhir Nis

Dh’fhosgail A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail goireas ùr a chuireas taic ri fàs ann an roinn nan saidheansan beatha air feadh na h-Alba an-diugh (Dimàirt 18 Giblean).

Thàinig an t-Ionad Ùr-ghnàthachaidh Saidheansan Beatha luach £9.5m air Àrainn Inbhir Nis à co-obrachadh eadar Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha an leasachadh seo air taic-airgid fhaighinn bho Chùmhnant Baile-Roinne Inbhir Nis is na Gàidhealtachd agus Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa.

Chaidh A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, Seansalair UHI, air chuairt timcheall an ionaid ùir agus leig i ris plaig ann an cuirm-chomharrachaidh. Còmhla rithe bha còrr is 100 aoigh, nam measg an t-Àrd-Ollamh Sir Jonathan Van-Tam, a bha na Iar-Phrìomh Oifigear Meidigeach airson Sasainn agus a tha a-nis na Leas-Iar-Sheansalair aig Oilthigh Nottingham.

Tàlaidh an t-ionad barrachd chompanaidhean saidheans beatha don sgìre agus brosnaichidh e co-obrachadh eadar luchd-rannsachaidh acadaimigeach, gnìomhachas agus earrainn na slàinte, agus e a’ toirt taic do chruthachadh bathar, phròiseasan agus sheirbheisean ùra gus cùram-slàinte a leasachadh. Agus e air a dhealbhadh le Austin-Smith:Lord agus air a thogail le Robertson Construction, tha e a’ tabhann àitichean obair-lainn agus oifis so-fhreagarrach agus a’ toirt cothrom air uidheamachd agus goireasan speisealaichte.

Tha an togalach mar phàirt de phròiseact nas fharsainge an co-bhoinn ri Ionad Leighis Nàiseanta SNS na Gàidhealtachd air Àrainn Inbhir Nis, a tha fosgailte do dh'euslaintich an t-seachdain seo. Bidh na trì buidhnean a’ fighe ri chèile rannsachadh acadaimigeach air cùram slàinte, lìbhrigeadh cùram clionaigeach do dh’euslaintich agus cruthachadh chothroman malairteach, bathar agus seirbheisean ùra ann an saidheans agus teicneòlas slàinte. Eatorra, tha dùil gum bi na leasachaidhean seo nam bunait do chòrr is 200 cosnadh.

Agus i a’ bruidhinn aig an tachartas fosglaidh, thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI: “Bha e na urram dhuinn an t-Ionad Ùr-ghnàthachaidh Saidheansan Beatha coitcheann nuadh againn fhosgladh an-diugh. Tha an tachartas seo a’ comharrachadh toiseach iomairt àrd-amasach eile còmhla ri HIE agus tùs linn ùr do na saidheansan beatha air feadh an raoin-obrachaidh againn. Ann an com-pàirteachas le HIE, bidh sinn ag obair gus an t-ionad ùr seo a stèidheachadh mar ghoireas a bhios cudromach aig an ìre eadar-nàiseanta. Neartaichidh e com-pàirteachasan le gnìomhachas agus le SNS gus teicneòlasan a chruthachadh aig am bi buaidh a bhios a chum leas agus a dh’fhaodadh atharrachadh a thoirt air beatha dhaoine sna coimhearsnachdan againn agus sa chomann-shòisealta san fharsaingeachd.

“Leis an ionad ùr bidh comas againn leudachadh a thoirt air an rannsachadh làithreach againn ann an raointean leithid nano-theicneòlas meidigeach agus slàinte ghnìomhach agus bidh e na chuideachadh dhuinn gus an toir sinn barrachd taice fhathast do dh’earrainnean nan saidheansan beatha agus na slàinte. Is e tasgadh mòr a tha seo a tha ga chur san àm ri teachd agus thig buannachdan eaconamach na lùib do ar coimhearsnachdan tro ùr-ghnàthachadh, malairteachadh, cruthachadh chompanaidhean is obraichean agus le bhith a’ tàladh agus a’ cumail tàlant.”

Thuirt Stiùbhart MacIlleDhuibh, Àrd-oifigear Gnìomha HIE: “Cuiridh Ionad Ùr-ghnàthachaidh nan Saidheansan Beatha taic ri iomairtean malairteach, a’ gabhail a-steach gnothachasan ùra a tha air tòiseachadh agus buidhnean a tha ag iarraidh làthaireachd a stèidheachadh sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

“Tha an dòigh-obrach com-pàirteachais agus an co-thaobhadh le Ionad Leighis Nàiseanta na Gàidhealtachd gu mòr a rèir feallsanachd cho-obrachail Àrainn Inbhir Nis. Sgaoilidh na buannachdan air feadh na sgìre agus bheir iad taic do fhàs leantainneach ann an earrainn nan saidheansan beatha. Cuidichidh seo uile a bhith a’ tàladh agus a’ cumail tàlant don sgìre.

“Tha sinn air leth toilichte fosgladh oifigeil an togalaich fhaicinn agus fàilte a chur air a’ chiad luchd-gabhail againn."

Thuirt Ministear Riaghaltas na RA Felicity Buchan: “Tha leudachadh Campas Inbhir Nis na bhrosnachadh mòr do roinn nan saidheansan beatha, a’ cuideachadh le bhith a’ tàladh airgead-seilbhe don sgìre agus a’ cruthachadh obraichean ionadail air leth sgileil ann an rannsachadh agus teicneòlas.

“Tha fosgladh Ionad Ùr-ghnàthachaidh nan Saidheansan Beatha, air a phàirt-mhaoineachadh le £9 millean bho Riaghaltas na RA tro Chùmhnant Cathair-baile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, a’ sealltainn na tha comasach nuair a thig sinn còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus com-pàirtichean gus a lèirsinn cho-roinnte a lìbhrigeadh do dhaoine ann an Alba.

“Tha seo na phàirt de thasgadh mòr bho Riaghaltas na RA gus Alba àrdachadh agus eaconamaidh na h-Alba fhàs. Tha seo a’ toirt a-steach còrr air £1.5 billean airson Cùmhnantan Baile is Fàis ann an Alba agus na milleanan eile ann a bhith ag àrdachadh maoineachaidh gus coimhearsnachdan a chruth-atharrachadh ann an Inbhir Nis agus air feadh na RA.”

Thuirt Ministear Ùr-ghnàthachaidh Riaghaltas na h-Alba, Ridseard Lochhead: “Tha fosgladh an Ionaid Ùr-ghnàthachaidh Saidheansan Beatha ùr a’ riochdachadh leasachadh ùr inntinneach don phrìomh roinn seo de eaconamaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha e math £4.8 millean fhaicinn bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' toirt taic do phròiseact cho brosnachail, agus tha mi a' cur fàilte air an spiorad co-obrachaidh eadar gach com-pàirtiche a tha an sàs ann a bhith a' ruighinn na h-ìre seo.

“Tha àite an ionaid mar dhràibhear mòr airson fàs san raon seo san àm ri teachd gu sònraichte luachmhor, agus bheir an in-thasgadh agus na h-obraichean ùra a chruthaicheas e spionnadh mòr don eaconamaidh ionadail agus don choimhearsnachd.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn an rannsachaidh, an ùr-ghnàthachaidh agus na cothroman a thig bhon ionad.”

Tha an t-Ionad Ùr-ghnàthachaidh Saidheansan Beatha nuadh air buannachd fhaighinn bho £4.96m de mhaoineachadh a chaidh a thoirt seachad le Prògram na h-Alba 2014-2020 Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa. Tha seo air a dhèanamh suas de £1.21m a thugadh do HIE agus £3.75m do UHI.

Fhuair prògram saidheansan beatha UHI, a’ gabhail a-steach eileamaid Ionad Ùr-ghnàthachaidh nan Saidheansan Beatha, £9m bho Riaghaltas na RA tro Chùmhnant Baile-Roinne Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, a tha fo stiùir Chomhairle na Gàidhealtachd. 'S e co-iomairt a th' anns a' Chùmhnant a tha a’ faotainn taic le suas ri £315m de thasgadh bho riaghaltasan na RA agus na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus UHI, is a tha ag amas air fàs eaconamach sgìreil seasmhach a bhrosnachadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Ionad Ùr-ghnàthachaidh nan Saidheansan Beatha, tadhlaibh air www.invernesscampus.co.uk/business-premises-and-land/lsic