Tagraichean ‘air leth’ a’ tighinn nam buill de Chùirt UHI

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air ceathrar bhall neo-eisimeileach ùra a chur an dreuchd sa bhuidhinn riaghlaidh aca, a’ gabhail a-steach Àrd-Oifigear Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Cuiridh UHI fàilte air Alex Paterson, Eilidh NicAonghais, Allan Clow agus Heather Offord don Chùirt an t-seachdain-sa. Thig na buill ùra an cuideachd bhuill làithreach na Cùirte ann a bhith a’ toirt seachad comhairle mu stiùireadh ro-innleachdail UHI.

see full size image
Paul Travill, Heather Offord, Alex Paterson, Liz Stewart and Allan Clow

Tha dreuchd Àrd-Oifigear aig Alex Paterson aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. San dreuchd a bh’ aige roimhe mar Àrd-Oifigear Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, bha e an urra ri leasachadh air prìomh roinnean nàiseanta, a' cur ri fàs choimhearsnachdan agus gnothachais. Tha gnàth-eòlas aige cuideachd air an roinn mhalairtich, agus e air ìrean tràthail a chùrsa-obrach a chur seachad le Esso Chemicals, Volvo agus Iomairt na h-Alba.

I stèidhichte ann an Uibhist a Deas agus Glaschu, tha Eilidh NicAonghais an-dràsta na Prionnsapal air Ruigsinneachd is Faotainneachdan Fearainn aig a’ chompanaidh lùth uaine chruinneil, Fortescue Future Industries. Bha i roimhe ag obair san Sgioba Fearainn aig SSE Renewables agus Uisge na h-Alba. Mar neach-tagraidh dìoghrasach às leth na Gàidhlig, tha i air fèisean ionadail a chur air dòigh roimhe seo tron bhuidhinn aice ‘Modrun’, ag altram cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus luchd-ciùil, agus tha i air a bhith na preasantair air prògraman TBh agus rèidio sa Ghàidhlig.

Tha Allan Clow na Chunntasair Riaghlaidh Cairte aig an robh àrd-dhreuchdan ionmhais ann an caochladh bhuidhnean san roinn phrìobhaidich, nam measg CHAP Holdings agus Havelock Europa. Stèidhichte ann an Loch Bhraoin, tha e an-dràsta na Stiùiriche-Riaghlaidh air Bancon Homes agus Bancon Construction. Tha e cuideachd na stiùiriche neo-ghnìomhach air Glencraft Mattresses, companaidh iomairt shòisealta neo-phrothaideach a tha a’ toirt cosnadh do dhaoine le cion-lèirsinne agus anacothroman eile.

Stèidhichte ann an Glaschu is freumhan aice anns an Òban, tha Heather Offord na Stiùiriche air a’ chompanaidh comhairleachaidh gnothachais, One4Growth. Tha i air seirbheisean comhairleachaidh a sholarachadh do Chomann Rèidio-eòlaichean Eadar-theachdail Bhreatainn, Oilthigh Canterbury, Ceartas Coimhearsnachd na h-Alba agus STV. Tha i cuideachd na ball comataidh de Bhoireannaich ann an Gnothachas ann an Alba, na h-urrasair aig Fonndas Cùraim Ghlaschu agus na comhairliche do Thriving Survivors, carthannas a tha a’ toirt taic don a h-uile duine a thàinig tro mhòr-chiùrradh.

Tha UHI cuideachd air fàilte a chuir air Paul Travill, a bha na Neach-clàraidh Acadaimigeach Cruinneil aig Oilthigh Heriot Watt, agus Liz Stiùbhart, Rianadair Ionmhais aig SSE Renewables, an roinn as motha de SSE earr., mar bhuill neo-eisimeileach cho-thaghte de chomataidhean a bhuineas don Chùirt.

Chaidh na buill ùra, a bhios a’ com-pàirteachadh air bhunait shaor-thoileach, a thaghadh às deidh iomairt trusaidh agus pròiseas taghaidh a tharraing freagairt mhòr, a’ gabhail a-steach ùidh bho thagraichean eadar-nàiseanta.

Agus e a’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Alastair MacColla, Cathraiche Cùirt UHI: “Tha caochladh eachdraidhean aig buill ùra na cùirte againn agus iad a’ toirt an uabhais ghnàth-eòlais leotha. Is e an rud a th’ aca uile ann an cumantas, dealas fìor mhòr a thaobh nam builean a choileanas sinn do na h-oileanaich agus na sgìrean againn. Còmhla ri buill làithreach na cùirte againn, cuidichidh na buill ùra bharraichte seo UHI le cumail air adhart a’ dèanamh cinnteach gum bi ionnsachadh a’ ciallachadh barrachd, airson gach aon de na h-oileanaich againn agus de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh.”