Maoineachadh airson rannsachadh air slàinte inntinn agus sunnd ann an eileanan na h-Alba

Tha Com-pàirteachas Slàinte Dhùthchail na h-Alba air maoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson rannsachadh agus dùsgadh mothachaidh air slàinte inntinn agus sunnd dhaoine a tha a’ fuireach ann an eileanan na h-Alba.

see full size image
Iomall-fairge agus taigh-solais Rubha Robhanais. Creideas: Don Mac a’ Ghobhainn, 2019 (Getty)

Fhuair a’ cho-bhanntachd, a tha air a suidheachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, £4,488 bhon Mhaoin Eileanan Fallain a tha ga stiùireadh le Inspiring Scotland. Tha a’ mhaoin a’ toirt taic do lìbhrigeadh Phlana Nàiseanta nan Eilean aig riaghaltas na h-Alba, gu sònraichte an t-amas a th’ ann a bhith ‘a’ leasachadh is ag adhartachadh slàinte, cùram sòisealta agus sunnd dhaibhsan a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach na h-Alba’.

Thèid an rannsachadh a stiùireadh leis an Oll Janet Heaton, Àrd-chomhaltach Rannsachaidh ann an roinn slàinte is sunnd dùthchail an oilthigh. Nì an sgrùdadh breithneachadh air an litreachas a th’ ann agus fiosrachadh eile mu shlàinte inntinn is sunnd ann an eileanan na h-Alba, agus bidh fòcas ann air na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn. ’S e na prìomh amasan tuigse a leasachadh, mothachadh a dhùsgadh air far a bheil dùbhlain agus bunait eòlais luachmhor a chruthachadh aig am bi buaidh air tuilleadh rannsachaidh agus eadar-theachdan a thaobh slàinte inntinn agus sunnd ann an eileanan na h-Alba.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Sandra NicRuairidh, cathraiche gnìomhach Chom-pàirteachas Slàinte Dhùthchail na h-Alba agus ceannard acadaimigeach, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean:

“Tha sinn an dòchas gum bi toraidhean an rannsachaidh seo nan goireas luachmhor do luchd-rannsachaidh, buidhnean san treas earrainn agus buidhnean coimhearsnachd a bhith a’ dol thuige agus gun cuidich iad a bhith a’ pàirteachadh nan cleachdaidhean as fheàrr. Bheir beàrnan sam bith ann an eòlas a thèid a chomharrachadh san sgrùdadh buaidh air a’ chlàr-ghnothaich rannsachaidh airson slàinte inntinn eileanach air feadh na h-Alba agus dh’fhaodadh iad cur ri poileasaidh san àm ri teachd.”

Tha a bhith a’ neartachadh obair rannsachaidh anns na h-eileanan mar aon de na prìomh chuspairean ann an Ro-innleachd Eileanach an oilthigh, a tha cuideachd a’ brosnachadh rannsachadh a chuidicheas le bhith a’ leasachadh tuigse air na cùisean sònraichte a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach.

Thuirt Iain Dòmhnallach, cathraiche bhuidheann-stiùiridh Chom-pàirteachas Slàinte Dhùthchail na h-Alba:

“Tha fàilte air a’ mhaoineachadh seo a bhith a’ cur ri amas a’ Chom-pàirteachais a bhith a’ toirt seachad aon thùs eòlais mu chùram-slàinte iomallach agus dùthchail.”

Tha dùil gum bi an sgrùdadh deiseil sa Mhàrt 2022 agus tha Com-pàirteachas Slàinte Dhùthchail na h-Alba an dòchas seiminear air-loidhne a chumail gu goirid às deidh sin mar a’ chiad cheum ann a bhith a’ pàirteachadh thoraidhean.