Sgeulachdan coimhearsnachd costa rin lìbhrigeadh as t-samhradh

Thèid còrr air 300 sgeulachd a chaidh a chruinneachadh aig àm a’ ghlasaidh le 32 luchd-cruinneachaidh sgeulachdan bho chosta an iar na h-Alba, fhoillseachadh ann an sreath de thaisbeanaidhean tron t-samhradh seo mar phàirt de Bhliadhna Sgeulachdan na h-Alba.

see full size image
Taigh-solais Cheann Bharraigh air Eilean Bheàrnaraigh

Ga fhoillseachadh air a’ mhìos seo air feadh costa an iar na h-Alba, leis an fhosgladh san Òban an-diugh (2 Ògmhios 2022), tha ceithir taisbeanaidhean eadar-obrachail, làrach-lìn, agus app ùr-ghnàthach a’ rannsachadh buaidh a’ chosta seo ann an toirt cumadh air an t-saoghal – agus mar a tha an saoghal ga chumadh an-diugh.

’S e pròiseact air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd a th’ ann an ‘COAST’, air a cho-òrdanachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI), le com-pàirtichean pròiseict NatureScot, Ionad Rannsachaidh Chur-seachadan is Turasachd stèidhichte aig UHI Taobh Siar na Gàidhealtachd, agus Aiseagan CalMac, Lateral North, Dimensions Dùthchail agus Whereverly. Tha am pròiseact mar phàirt de thasgadh de £5 millean ann am prògram de phròiseactan Albannach gus dualchas nàdarra is cultarach na Gàidhealtachd ’s nan Eilean adhartachadh agus a leasachadh ann an dòigh a bhios gan gleidheadh agus gan dìon. Tha a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarach air a stiùireadh le NatureScot agus air a pàirt- mhaoineachadh tro Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa (ERDF).

Thuirt Eileen Stiùbhart, Iar-Stiùiriche Nàdair is Atharrachadh Gnàth-shìde aig  NatureScot:

“Tha sinn air leth toilichte taic a chur ri pròiseact ‘COAST’ tro mhaoineachadh bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarach, a tha air sgeulachdan mìorbhaileach a thoirt còmhla bhon chosta an iar airson an roinn le luchd-tadhail. Tha na sgeulachdan sin a’ sàbhaladh agus a’ roinn eachdraidh na sgìre air leth seo, a’ toirt a’ phàirt iomallaich is dhùthchail seo de dh’Alba beò dhuinn uile.

“Ag obrachadh le coimhearsnachdan air feadh a’ chosta an iar aig àm a’ ghlasaidh, chruinnich am pròiseact sgeulachdan mu choimhearsnachd, dualchas, miotasan, uirsgeulan, ailtireachd, cultar agus imrich. Thug e cothrom do dhaoine na sgeulachdan nach eil cho cumanta innse agus togail air seudan a tha glè thric air an call le luchd-tadhail gu coimhearsnachdan air feadh Alba agus le muinntir na coimhearsnachd le chèile.”

Thuirt Calum Roughead, Àrd-Oifigear VisitScotland:

“Leis na cruthan-tìre sònraichte, eachdraidh, cultar, coimhearsnachdan agus cànan, tha tarraingeachd gu leòr aig costa an iar na h-Alba do luchd-tadhail.

“Mar a tha sinn ag èirigh a-mach às a’ ghalar-sgaoilte, tha ar rannsachadh a’ moladh gu bheil luchd-tadhail ag iarraidh eòlasan fìor agus chan eil dòigh nas fheàrr air ceann-uidhe agus a choimhearsnachd aige a thuigsinn ann an da-rìribh na sgeulachdan a chluinntinn. 

“A’ cur drochaid eadar ar Bliadhna de Chosta is Uisgeachan ann an 2020 agus Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba ann an 2022, tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn ar Bliadhnaichean Cuspaireil a’ brosnachadh a’ phròiseict ùir seo, a-rithist a bheir misneachd do luchd-tadhail tighinn gu costa an iar na h-Alba, gam piobrachadh gu siubhal fad na bliadhna, a’ fuireach nas fhaide agus a’ rannsachadh nas fharsainge. Tha buaidh turasachd a’ sgaoileadh fada seachad air a’ ghnìomhachas fhèin – tha e a’ cruthachadh obraichean, a’ cumail suas choimhearsnachdan agus a’ cur gu cudromach ri eaconamaidhean ionadail.”  

Thuirt Camille Dressler, neach-cruinneachaidh Sgeulachdan Oirthir airson nan Eileanan Beaga agus Rathad nan Eilean:

“Chòrd e rium gu mòr a bhith a’ rannsachadh sgeulachdan ùra mun sgìre sa bheil mi a’ fuireach agus a’ lorg fìor sheudan airson an roinn leis a’ mhòr-shluagh! Is dòcha nach biodh cuid de na sgeulachdan air an glacadh idir mura biodh am pròiseict seo, a rinn ath-cheangal orm a-rithist ri mo ghaol tràth air beul-aithris.”

Tro bhùithtean-obrach didseatach, agallamhan sa choimhearsnachd agus tagraidhean air-loidhne, chaidh còrr air 1400 sgeulachd a chruinneachadh aig àirde a’ ghalair-sgaoilte agus thug iad cothrom do dhaoine meòrachadh air agus ionnsachadh mun àrainneachd ionadail aca, na daoine a thug buaidh air, agus mar tha a’ choimhearsnachd aca air ‘cumadh a thoirt air an t-saoghal’ cuideachd.

Tha na 1400 sgeulachd seo air an eagrachadh gus togail air 350 sgeulachd agus tha iad gan glèidheadh agus air an dìon le UHI mar ghoireas. Tha mòran dhiubh sin mar phàirt de cheithir thaisbeanaidhean a tha rim faicinn san Òban ann an Ionad Achadh na Creige, Ionad GALE ann an Geàrrloch agus Comann Eachdraidh Nis ann an Eilean Leòdhais. Tha làrach-linn agus app a’ phròiseict a’ ceadachadh do luchd-cleachdaidh tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air na sgeulachdan sin.  

Tha Carron Tobin Bho Dimensions Dùthchail agus Greum Hogg bho Lateral North air a’ phròiseact COAST a cho-òrdanachadh bhon fhìor thoiseach, agus thuirt iad:

 “Nuair a thòisich sinn air a’ phròiseact seo bha faireachdainn againn gu lorgadh luchd-cruinneachaidh sgeulachdan grunn sheudan air nach robh mòran eòlach, ach cha robh dùil aca airson mionaid gum biodh uimhir. Tha a bhith gan toirt sin beò anns na taisbeanaidhean agus an làrach-lìn ’s an app, a’ ceadachadh do bharrachd dhaoine tlachd fhaighinn asta, a bhith air am brosnachadh gu siubhal agus tuigse nas beairtiche fhaighinn air dìreach cho sònraichte ’s a tha costa an iar na h-Alba agus a shluagh air a bhith rè ùine, agus a’ leantainn air a bhith an-diugh."

Tadhailibh air làrach-lìn COAST tro www.coast.scot gus tuilleadh fhaighinn a-mach agus luchdaich sìos an aplacaid tro Stòr App Apple agus Stòr GooglePlay