UHI a’ sireadh bheachdan bhon choimhearsnachd mun Ro-Innleachd Eileanan

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air suirbhidh phoblach fhoillseachadh gus faighinn a-mach cho math ’s a tha tèaman ro-innleachdail na Ro-innleachd Eileanan aca a’ co-thaobhadh leis agus comasach air taic a chur ri prìomhachasan leasachaidh eaconamach is coimhearsnachd do dh'eileanan Arcaibh, Sealtainn agus Innse Gall.

see full size image
Foula leis an Dr Anndra Jennings

Tha an t-suirbhidh air-loidhne fosgailte do bhuill na coimhearsnachd, do bhuidhnean poblach, ghnothachasan agus don roinn shaor-thoileach air na trì eileanan, gu 6 Ògmhios 2022.

Tha e mar phàirt de phròiseact rannsachaidh ùr a tha air a ghabhail os làimh gus leasachadh is buileachadh Ro-innleachd Eileanan UHI fhiosrachadh, a chaidh fhoillseachadh ann an 2020, agus a tha a’ mìneachadh mar a bhios UHI ag obrachadh le com-pàirtichean gus a ghnìomhachdan a leudachadh agus a neartachadh air feadh nan eilean. 

Tha an rannsachadh maoinichte tron mhaoin ùr-ghnàthachaidh oilthighe aig Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus bidh e a’ cuimseachadh air cànan, dualchas, arc-eòlas, foghlam, leasachadh coimhearsnachd agus na roinnean cruthachail / ealain. Bidh rannsaichearan UHI cuideachd a’ ruith bhuidhnean fòcais air-loidhne gus beachdan a thional.

A’ dèanamh iomradh air amasan a’ phròiseict rannsachaidh, thuirt Iain Caimbeul, Co-eòlaiche Rannsachaidh ann an Sòiseo-Cànanachas aig UHI:

“Tha sinn dèidheil air raon de bheachdan cho farsaing ’s a ghabhas a thional. Tha beachdan is in-sheallaidhean gach neach cudromach dhuinn, agus ’s e còmhradh gu mòr dà-thaobhach a tha seo. Tha sinn an dòchas gun cuidich toraidhean an rannsachaidh sinn le dòighean a chomharrachadh san urrainn do choimhearsnachdan nan eilean buannachd fhaotainn bho ruigsinneachd nas dlùithe air goireasan an oilthighe. Cuidichidh na toraidhean sinn le dhèanamh cinnteach gu bheil modh-obrach ro-innleachdail UHI a’ co-thaobhadh leis na diofar dhùbhlain ris a bheil ar coimhearsnachdan eileanach a’ cothachadh.” 

Thuirt an Dr Beth Mouat, Stiùiriche Ro-innleachd Eileanan UHI:

“Tha am pròiseact seo a’ toirt seachad cothrom sàr-mhath air conaltradh brìoghmhor le luchd-còmhnaidh nan eilean. Bidh toraidhean an rannsachaidh seo thar luaich mar stiùir gu Ro-innleachd Eileanan UHI a bhuileachadh, agus gu leasachadh san àm ri teachd fhiosrachadh, a dh’fhaodas fìor bhuaidh mhòr a thoirt sna h-eileanan.”

Gus pàirt a ghabhail san t-suirbhidh, tadhailibh air https://www.uhi.ac.uk/en/research-enterprise/cultural/institute-for-northern-studies/research/projects/islands-strategy/