Jamaican sa Chuimrigh

Tha CIALL a’ toirt taic do leudachadh am modal chlàraidh aig Guthan nan Eilean gu co-theacsan ùra, gnèithean ùra, agus cànanan ùra, nam measg eisimpleirean de chleachdadh cànain Jamaican san RA.

see full size image
Tha a h-uile film ann an Jamaican a-nis ri fhaighinn air-loidhne air sianal bhidio Ghuthan nan Eilean, agus gheibhear thuca tro làrach-lìn a’ phròiseict ann an cruth “landscape”, no cruth “portrait” a tha furasta a chleachdadh airson fòn

Chaidh an neach-ealain agus bàrd Audrey West, a rugadh ann an Jamaica, ach a thogadh ann an Lunnainn, fhilmeadh aig a dachaigh sa Chuimrigh o chionn ghoirid. Mar thoradh air sin, thàinig criomagan bhidio goirid ann an stoidhle Ghuthan nan Eilean a-mach anns na cruthan àbhaisteach mar “film aithriseach” agus “agallamh”.  Ach ann an ceum ùr, chaidh “bàrdachd” a chur riutha sin cuideachd. Agus le co-obrachadh bhon Dr Joseph Farquharson bhon Jamiekan Langwij Yuunit aig Oilthigh nan Innseachan an Iar, chaidh an sgriobt aithriseach a thoirt seachad anns an litreachadh aontaichte Cassidy-JLU (a bha sna naidheachdan o chionn ghoirid airson na chuir e ris an fhilm Bob Marley: One Love). Bidh e comasach an uair sin fo-thiotalan a chruthachadh a bhios stèidhte air prionnsapalan cànanach làidir, agus, an ceann ùine, cruthaichear tar-sgrìobhadh Clilstore a bhios a’ toirt a-steach an inneil ùr “Custom Dictionary”, mar a chithear gu deuchainneach ann an eisimpleirean eile roimhe seo airson Guthan nan Eilean.

Tha “Jamaican in Wales” dìreach mar a’ chiad fhear ann an sreath goirid de chruinneachaidhean san aon stoidhle a tha a’ sgrùdadh raointean ùra airson Guthan nan Eilean, a’ toirt a-steach bàrdachd, agus ann an co-theacsan air falbh bhon choimhearsnachd thùsanach. Tha an obair seo fhathast a’ dol, ach tha a h-uile criomag Jamaican a-nis ri fhaighinn air-loidhne air sianal bhidio Ghuthan nan Eilean, agus gheibhear thuca tro làrach-lìn a’ phròiseict ann an cruth “landscape”, no cruth “portrait” a tha furasta a chleachdadh airson fòn. Leis cho furasta agus tha e tionndaidhean ùra de fhilmichean aithriseach a chruthachadh, mar a chaidh a shealltainn o chionn ghoirid le Pàrlamaid na Cloinne ann am Barraigh, chaidh dreachan Cuimris, Gàidhlig is Beurla den fhilm thùsail ann an cànan Jamaican a thoirt gu buil cuideachd.

Tha fiosrachadh a bharrachd ri fhaighinn air làrach Ghuthan nan Eilean.