Naidheachdan

Staing na Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd Dhùthchasaich: Làn-sgrùdadh Sòisio-chananach air Gàidhlig na h-Alba susbaint

Staing na Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd Dhùthchasaich: Làn-sgrùdadh Sòisio-chananach air Gàidhlig na h-Alba

Faodar an leabhar seo ro-òrdachadh a-nis aig Comhairle nan Leabhraichean:

https://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1688&search=gaelic+crisis

Tha an leabhar seo a’ toirt seachad nan toraidhean a thàinig a-mach às an sgrùdadh sòiseo-chànanach farsaing a chaidh a dhèanamh le Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean. Chaidh an rannsachadh a dhèanamh air cleachdadh sòisealta na Gàidhlig agus fèin-aithne Ghàidhealach anns na coimhearsnachdan mu dheireadh anns a bheil a’ Ghàidhlig a’ mairsinn gu dùthchasach – na h-Eileanan an Iar, ann an Stafainn anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Tiriodh. Tha modalan an t-suirbhidh stèidhte air: toraidhean a’ chunntais-shluaigh; cleachdadh a’ chànain aig aois ro-sgoile; dàta nan deugairean; trì coimhearsnachdan riochdachail; seòrsachadh luchd-labhairt, a’ toirt seachad fiosrachadh càileachdail is àireamhail air togail agus cleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd, an teaghlaich, na sgoile, agus gu pearsanta.

More information / Fiosrachadh a bharrachd bho: An t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, email - cog.smo@uhi.ac.uk