Pròiseactan

susbaint

Ceanglaichean ri pròiseactan agus stòrasan air an leasachadh leis an Institiud

A bharrachd air Pròiseact Rannsachaidh Gàidhlig nan Eilean, air a thòiseachadh le Soillse agus ga fhoillseachadh ann an 2020, tha an Institiud air pròiseactan eile a thòiseachadh agus a leasachadh.

Saoghal Thormoid susbaint Norman Maclean

Saoghal Thormoid

Còmhraidhean le sgriòbhadair is cleasaiche ainmeil Tormod MacGill-Eain, anns an robh Tormod a’ bruidhinn mu na cuimhneachan aige air beatha dhà-chànanach ann an Glaschu agus anns na h-Eileanan bho mheadhan an fhicheadamh linn air adhart.

Stòras Beò nan Gàidheal susbaint Interviewer talking

Stòras Beò nan Gàidheal

Clàraidhean le luchd-labhairt fileanta ann an Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann, a’ cleachdadh dòighean-obrach sìmplidh gus dealbh fhaighinn air beatha nan Gàidheal aig deireadh an fhicheadamh linn suas chun an latha an-diugh.

Mediating Multilingualism susbaint Professor Streamlet Dkhar speaking to camera

Mediating Multilingualism

Pròiseact co-obrachail le Oilthigh Amity, Haryana, agus lìonradh nan ionadan airson cànain ann an cunnart sna h-Innseachan, gus dòighean-obrach ùra a leasachadh leis na meadhanan ùra ann an àrainneachd ioma-chànanach ach dùbhlanach.