Home Mu UHI Am Prionnsapal agus Iar-Sheansalair

An t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland

Prionnsapal agus Iar-SheansalairClive Mulholland
BSc, PhD, CSci, FIBMS, SFHEA, FRSA

 

Thòisich an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland aig an oilthigh anns an Ògmhios 2014. Bha e roimhe na Leas-Iar-Sheansalair airson Rannsachadh is Beatha nan Oileanach aig Oilthigh na Cuimrigh a Deas, le uallach ro-innleachdail airson rannsachadh, agus neartachadh teagaisg agus ionnsachaidh.  Mus do thoisich e aig Oilthigh na Cuimrigh a Deas, dh’obraich e aig Oilthigh Ulaidh, Oilthigh na Banrìgh Beul Feirste agus Oilthigh Swansea.

Thòisich an t-Àrd-Ollamh Mulholland na rèis-obrach anns an t-seirbheis chatharra shaidheansail mus do ghluais e chun an NHS agus mu dheireadh chun roinn nan oilthighean. Thrèan e o thus mar neach-saidheans bith-mheidigeach, agus anns na 15 bliadhna a chaidh seachad thog e sàr-eòlas sònraichte air mar a ghabhas teicneòlasan ùra cleachdadh gus feabhas a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich, an dà chuid taobh a-staigh agus taobh a-muigh den t-seòmar-theagaisg.

Tha an t-Àrd-Ollamh Mulholland na Chaidreabhach de dh’Institiud nan Saidheansan Bith-mheidigeach, na Chaidreabhach de Chomann Rìoghail nan Ealain,  na Chaidreabhach de Chomann Rìoghail an Eòlais-leighis, na Àrd-chaidreabhach de dh’Acadamaidh an Àrd-fhoghlaim, agus na Neach-saidheans Cùmhnantaichte.


Fios conaltraidh
:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: +44 (0)1463 279215
Post-d: clive.mulholland@uhi.ac.uk


Julie Riach

Neach-taice Pearsanta don Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair
Fòn: +44 (0)1463 279246
Post-d: julie.riach@uhi.ac.uk