Ollamhachdan Urramach

Donnchadh Siosalach susbaint Duncan Chisholm

Donnchadh Siosalach

Sgrìobhaiche-ciùil, fìdhlear agus ceòladair tuath-cheòl.

Tha Donnchadh Siosalach mar aon de na fìdhlearan agus sgrìobhaichean-ciùil as aithnichte agus as comasaiche ann an Alba. Air a thogail faisg air Inbhir Nis, tha Donnchadh air a’ mhòr-chuid de a bheatha a chur seachad a’ leasachadh comas ciùil a tha air leth.

Thòisich dreuchd-ciùil Dhonnchaidh ann an 1990, aig aghaidh còmhlan roc Wolfstone. Thòisich an còmhlan a’ cluich ann an tallachan baile air a’ Ghàidhealtachd mus do thòisich iad a’ gnìomhadh aig fèisean agus lannan-amhairc air feadh na Roinn Eòrpa agus an USA. Thar nam bliadhnaichean, tha cothrom air a bhith aig Donnchadh gnìomhadh air àrd-ùrlar agus clàradh le diofar luchd-ealain agus tha a chuid sgrìobhaidhean-ciùil a’ cur ri mòran riochdachaidhean rèidio, TBh agus film.

Tha Donnchadh air sreath de phrìomh obraichean ciùil a thoirt gu buil a tha air am brosnachadh le àiteachan uaignidh Gàidhealtachd na h-Alba – bho Ghleanntan Srath Ghlais gu Bàgh Shannabhad ann an ceann a tuath Chataibh, agus o chionn ghoirid Cuileann Dubh an Eilein Sgitheanaich. Tha na sgaoilidhean bho stiuidio Dhonnchaidh nan toradh de rannsachadh sònraichte, tursan, sgrìobhadh agus riochdachadh.

Chuir Kin, an riochdachadh ioma-mheadhan ainmeil aig Donnchadh, cuairt anns gach àite. Thug an t-sreath clàraidhean tasglainn beò tro fhilm agus ceòl, a’ comharrachadh nan daoine, àiteachan agus cultar na Gàidhealtachd. Choisinn am modal seo àrd-chliù tro obair phearsanta Dhonnchaidh a thuilleadh air a bhith air a chleachdadh mar phrògram foghlaim gus daoine òga a chom-pàirteachadh ann am beul-aithris, dèanamh fhilmichean agus sgrìobhadh ciùil. Tha dealas Dhonnchaidh a thaobh leasachadh san àm ri teachd air ceòl traidiseanta, tro dhealbhadh is lìbhrigeadh air riochdachaidhean co-aimsireil, prògraman foghlaim, agus co-obrachaidhean cultarach ùr-ghnàthach.

An t-Ollamh Dame Sue Black susbaint Professor Dame Sue Black

An t-Ollamh Dame Sue Black

37mh Ceann-suidhe Colaiste an Naoimh Eòin, Oxford.

Tha an t-Àrd-Ollamh Black air aon de na prìomh dhaon-eòlaichean foreansach san t-saoghal a tha air a bhith os cionn chùisean eucoir nàiseanta agus eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach rannsachaidhean air eucoirean cogaidh ann an Kosovo, dearbh-aithneachadh às deidh an t-sunàmaidh Àisianach agus bàsan luchd-sabaid ann an Sierra Leone agus Grenada.

Rugadh i ann an Inbhir Nis agus fhuair i foghlam aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis mus do cheumnaich i à Oilthigh Obar Dheathain ann an 1986, sa bhad a’ gabhail dreuchd teagaisg is rannsachaidh aig Ospadal Naoimh Thòmais ann an Lunnainn. Eadar 2003 agus 2018, bha i na h-Ollamh air Anatomachd agus Daon-eòlas Foireansach aig Oilthigh Dhùn Dè far an robh i na stiùiriche air an Ionad Anatomachd agus Aithneachadh Daonna a choisinn duais na Banrigh, agus na stiùiriche airson Ionad Sgrùdaidh Leverhulme airson Saidheans Foireansach.

Eadar 2018 agus 2022, bha i na h-Iar-Sheansalair airson Com-pàirt aig Oilthigh Lancaster, le dleastanas air ìomhaigh an oilthighe àrdachadh gu h-ionadail, gu roinneil agus gu nàiseanta fhad ’s a bha i a’ brosnachadh fàs eaconamach agus ath-nuadhachadh Iar-thuath Shasainn.

Tha an t-Ollamh Black air 14 leabhraichean teacsa agus dà leabhar mòr-chòrdte a sgrìobhadh mun obair aice agus tha i air nochdadh gu cunbhalach anns na meadhanan, a’ gabhail a-steach an t-sreath telebhisean History Cold Case, Desert Island Discs aig BBC Radio 4 agus The Life Scientific. Thug i seachad òraidean Nollaige air an telebhisean aig an Institiud Rìoghail ann an 2022 agus tha i air grunn mholaidhean poileis fhaighinn airson a cuid obrach foreansach.

 Chaidh a h-ainmeachadh mar Cheannard Dame air Òrdugh Ìmpireachd Bhreatainn ann an Urraman Co-là-breith na Banrigh 2016 airson seirbheisean do fhoghlam àrd-ìre agus saidheans foreansach, agus ann an 2021 chaidh i a-steach do Thaigh nam Morairean mar mhorair tar-bheing a’ gabhail an tiotal Bana-bharan Black de Strome. Tha i na h-Ollamh fad-beatha air Anatomachd airson Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, na ball den Chomann Rìoghail, Comann Rìoghail Dhùn Èideann, an Institiud Rìoghail Daon-eòlasach agus Comann Rìoghail Bith-eòlas. Tha i na h-Ollamh Urramach air Anatomachd Foireansach aig Oilthigh Oxford agus na h-Ollamh Tadhail aig Oilthigh Lancaster.

An Fhìor Urramach Susan Brown susbaint Susan Brown in her robe

An Fhìor Urramach Susan Brown

Chaidh an tiotal a thoirt don Fhìor Urramach Susan Brown aig cuirm-cheumnachaidh Cholaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI ann an Inbhir Pheofharain Dimàirt 2 Iuchar, còmhla ri 40 oileanach eile a bha a’ ceumnachadh. Tha seo ag aithneachadh na rinn i airson na h-eaglais agus airson choimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha an Fhìor Urramach Brown na ministear air a’ Ghàidhealtachd o chionn barrachd is 30 bliadhna. Agus i à Penicuik faisg air Dùn Èideann o thoiseach, rinn i imrich chun na Gàidhealtachd ann an 1985 a sheirbheiseachadh an Eaglais Chill Iùrnain san Eilean Dubh. An dèidh 13 bliadhna, rinn i imrich do Dhòrnach, agus i ann an sin air a’ chiad bhoireannach a bhith air ceann cathair-eaglais san RA.

Peter May susbaint Peter May in Stornoway

Peter May

Chaidh an duais a thoirt do Peter May le Seansalair an oilthigh, A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, aig cuirm-cheumnachaidh Cholaiste Pheairt UHI Diardaoin 3 Dàmhair 2019.

Rugadh agus thogadh Peter May ann an Glaschu, agus theann e ri a chùrsa-obrach mar neach-naidheachd mus do thòisich e air còig bliadhna deug sa ghnìomhachas telebhisein. Chruthaich agus sgrìobh e iomadh sreath dràma airson nam prìomh uairean, nam measg Take the High Road agus Machair, mus deach e na nobhailiche làn-ùine. Tha May a-nis air còrr is 20 leabhar fhoillseachadh, nam measg nobhailean neo-eisimeileach mar Entry Island agus Coffin Road, agus an Lewis Trilogy, sreath eucoir suidhichte ann an Innse Gall, air a bheil fèill eadar-nàiseanta.

John Keay susbaint John Keay in a garden

John Keay

Chaidh an duais a thoirt do John Keay le Seansalair an oilthigh, A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, aig cuirm-cheumnachaidh Cholaiste Pheairt UHI Diardaoin 3 Dàmhair 2019.

Eachdraiche a tha a’ speisealachadh anns na h-Innseachan, taobh an ear-dheas na h-Àisia agus Sìona agus a bhios cuideachd a’ sgrìobhadh air Alba. Ghabh e gaol air na h-Innseachan rè turas iasgaich ann an 1965 agus thill e gu tric na dhreuchd mar neach-naidheachd poilitigeach airson The Economist. Leig Keay seachad a dhreuchd mar neach-naidheachd a sgrìobhadh a’ chiad leabhair aige, Into India, a chaidh fhoillseachadh ann an 1973. Am measg nan obraichean eile aige tha China: A History, The Tartan Turban agus India Discovered. Dheasaich e cuideachd a’ chiad dà eagran den Collins Encyclopaedia of Scotland còmhla ri a chiad bhean, nach maireann, Julia. Chaidh Keay a-steach do rèidio anns na 1980an, agus e a’ sgrìobhadh agus a’ preasantadh grunn shreathan aithriseach airson a’ BhBC. Rugadh Keay agus fhuair e fhoghlam ann an Sasainn, is tha e a-nis a’ fuireach air taobh an iar na Gàidhealtachd o chionn faisg air 50 bliadhna.

Eileen Alison NicAoidh, a’ chiad Dotaireachd Urramach bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean susbaint Eileen Mackay and HS at HTC graduation

Eileen Alison NicAoidh, a’ chiad Dotaireachd Urramach bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Chaidh a’ chiad dotaireachd urramach bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhuileachadh air Eileen NicAoidh le seansalair an oilthighe, HRH a’ Bhana-Phrionnsa Rìoghail, aig seirbheis ceumnachaidh Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI air 5 Iuchar 2018.

Dh’fhàs Eileen suas ann an Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois, mus do thog i oirre air cùrsa-beatha cliùiteach san t-seirbheis chatharra. Bha dreuchdan aice ann an Roinn Ionmhais na Banrigh agus Oifis a’ Chaibineit  mus deach a fastadh mar Phrìomh Oifigear Ionmhais ann an Oifis na h-Alba. An dèidh a dreuchd a leigeil dhith, choisrig Eileen a cuid ùine gu bhith an sàs ann an raon farsaing de dhreuchdan neo-ghnìomhach. Tha i air a bhith na neach-taic fad-amail do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus ghluais i gu bhith na ball neo-eisimeileach de chùirt an oilthighe ann an 2009.

Ghlèidh Eileen an dreuchd seo gu 2017, a’ frithealadh air na comataidhean ionmhais is sgrùdaidh a thuilleadh air a bhith na cathraiche air a’ chomataidh ìocaidh. Tha Eileen air tabhartas air leth a thaisbeanadh a dh’ionnsaigh leasachadh an oilthighe, agus chuir a co-obraichean luach mòr air an dealas, eòlas agus tuigse phroifeiseanta a tha i air tabhann do a diofar dhleastanasan.

Dee Bradbury susbaint Dee Bradbury, Honorary Doctorate 2018

Dee Bradbury

Chaidh dotaireachd urramach bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhuileachadh air Dee Bradbury aig seirbheis ceumnachaidh Colaiste Earra-Ghàidheal UHI air 28 Sultain 2018, mar aithne do a h-obair ceannardais ann an spòrs aig ìrean ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta. Chaidh an duais a bhuileachadh leis a Àrd-Ollamh Crichton Lang, iar-phrionnsapal an oilthighe, ann am baile dachaigheil Dee san   Òban ann an Earra-Ghàidheal.

San Lùnastal 2018, b’ e Dee a’ chiad bhana-cheann-suidhe air Aonadh Rugbaidh na h-Alba, agus is i a’ chiad bhana-stiùiriche air Sreath 1 de nàisean cluiche rugbaidh. Tha i air a bhith a’ riochdachadh Rugbaidh na h-Alba do Rugbaidh Eòrpa agus tha i air Comataidh nam Boireannach do Rugbaidh Eòrpa. Na lùth-chleasaiche comasach, tha i air Alba agus Breatainn a riochdachadh ann an lùth-chleasachd aig bun-ìre agus ìre maighstireachd, agus tha i air Boireannaich Alba fo 18 a stiùireadh a-cheana. Tha Dee air a beatha obrach a chur seachad bho 1984 stèidhichte san Òban, far a bheil i air boireannaich is nigheanan a riochdachadh ’s a bhrosnachadh gu spòrs a chluich, a thuilleadh air a bhith a’ stiùireadh agus a’ ruith ghnìomhachdan spòrs do na h-uile.

B’ e oifigear poilis le Poilis Shrath Chluaidh a bh’ ann an Dee roimhe agus às dèidh sin Poilis Alba, ach tha i air a dreuchd a leigeil dhith a-nis. Bha i na ball stèidhidh air roinn nam boireannach de Chlub Ball-coise an Òbain is Latharna, agus chaidh i air adhart gu grunn dhleastanasan Comataidh a choileanadh anns a’ chlub mus robh i na ceann-suidhe urramach air Oban Lorne R.F.C. Bha Dee roimhe na cathraiche taobh a-staigh Club Ball-lìn an Òbain, Club Lùth-chleasachd an Òbain agus Geamannan Gàidhealach Latharna.