Dìon Dàta

Nì Achd Dìon Dàta 1998 ullachadh airson riaghladh làimhseachadh fiosrachaidh mu dhaoine, a’ gabhail a-steach a bhith a’ faotainn, a’ cumail, a’ cleachdadh no a’ leigeil ris fiosrachadh den t-seòrsa.

Chaidh gabhail ris an Achd gus am biodh an t-Òrdugh Eòrpach air dìon dàta air a chur an gnìomh, agus tha gnothach aice ris a h-uile dàta pearsanta a bhios air a chumail an darna cuid gu h-eileagtronaigeach no ann an co-rian faidhlidh làmh-ghleusach.

Tha feum aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a thaobh foghlaim agus gnothachais, a bhith a’ cumail dàta pearsanta sònraichte air daoine beò a’ gabhail a-steach luchd-obrach, oileanaich, iar-cheumnaichean agus eile ri linn dha bhith a’ dol mu a ghnothach dligheach mar oilthigh. Tha an t-oilthigh a’ tuigsinn ma thèid dàta pearsanta a chleachdadh mar as còir agus gu laghail gun cùm sin suas earbsa sa bhuidhinn is gun toir e bunait airson obair shoirbheachail, is ghabh an t-oilthigh uallach air fhèin poileasaidh a bhith aige a dhìonas còirichean is saorachdan dhaoine a thaobh làimhseachadh an dàta pearsanta. Air an adhbhar seo ghabh an t-oilthigh ri Poileasaidh diongmhalta air Tèarainteachd Fiosrachaidh agus Dìon Dàta  a chuireas taic iomlan ri ochd prionnsabalan na h-Achd Dìon Dàta agus a chumas riutha.