Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Dìon Dàta Cothrom air Dàta Pearsanta Fhaicinn

Cothrom air Dàta Pearsanta Fhaicinn

A rèir na h-Achd Dìon Dàta tha còir aig daoine fhios a bhith aca dè an dàta a tha air a chumail orra agus cothrom a bhith aca an dàta pearsanta fhaicinn.

Bu chòir do dhaoine a tha ag iarraidh an dàta pearsanta fhaicinn Iarrtas Fiosrachaidh leis a’ Chuspair  a chur a-steach a dh’ionnsaigh Oifigear Dìon Dàta an Oilthigh le bhith a’ lìonadh an fhoirm eileagtronaigich no le bhith a’ sgrìobhadh a’dh’ionnsaigh:

Oifigear Dìon Dàta, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, 12b Slighe Nis, Inbhir Nis, IV3 5SQ

  1. Bu chòir am mion-fhiosrachadh a bhith san iarrtas agus fianais sgrìobhainneach a bhith leis a dhearbhas cò sibh (m.e. cead stiùiridh, cead siubhail, teisteanas breith). Bu chòir dhuibh cuideachd uiread fios ’s a ghabhas a thoirt mun fhiosrachadh a tha sibh ag iarraidh faicinn (m.e. càit a bheil am fiosrachadh air a chumail is co leis, a rèir na chreideas sibh, agus mion-phuingean mun fhiosrachadh a tha a dhìth is a leithid).
  2. Chan fheudar dhuibh innse carson a tha sibh ag iarraidh am fiosrachadh fhaicinn: chan eil san eòlas a bhios a dhìth oirnn ach na chuidicheas le bhith ag amas air an fhiosrachadh is ga fhaotainn dhuibh.
  3. Is e am poileasaidh a th’ aig an Oilthigh san fharsaingeachd a bhith fosgailte a thaobh leigeil le daoine am fiosrachadh pearsanta fhèin fhaicinn agus uair sam bith a ghabhas feuchaidh sinn ris a’ chìs rianachd de £10 (a cheadaichear a rèir na h-Achd) a leigeil seachad.
  4. Nuair a gheibh an t-Oifigear Dàta Iarrtas Fiosrachaidh leis a’ Chuspair, nì sinn ar dìcheall a choilionadh gu h-iomlan taobh a-staigh de 40 latha. Co-dhiù, gheibh sibh a h-uile fiosrachadh a bhios air a lorg is a ghabhas toirt a-mach taobh a-staigh de 40 latha agus mìneachadh air fiosrachadh sam bith nach gabh toirt seachad aig an àm sin.
  5. An co-chòrdadh ris an Achd, chan àbhaist don Oilthigh fiosrachadh a thoirt seachad air daoine às aonais an cead. Mar sin, ma bhios fiosrachadh mu chuideigin eile an lùib fiosrachadh a tha air a chumail oirbhse, nì an t-Oilthigh a dhìcheall ainmean a chumail às an fhiosrachadh. Mura gabh seo dèanamh agus mur an deach aig an Oilthigh air an cead freagarrach fhaotainn, faodaidh gun cuir an t-Oilthigh roimhe gun am fiosrachadh a thoirt seachad.

Bu chòir a h-uile ceist a chur a dh’ionnsaigh Oifigear Dìon Dàta an Oilthigh sa chiad dol a-mach.