APUC logo

Public Contracts Scotland logo

Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Gnothach a dhèanamh rinn

Gnothach a dhèanamh rinn

Mar bhall de Sholar Adhartach do dh’Oilthighean is Colaistean, tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag obair ann an com-pàirteachas ris an ionad shàr-eòlais seo a thoirt taic do leasachadh solar adhartach tarsainn roinn an fhoghlaim adhartaich agus an fhoghlaim àrd-ìre ann an Albainn. Mar aithneachadh air an taic sin agus a chum ’s gum biodh e ag obair gu tur a rèir phoileasaidhean solair Riaghaltas na h-Alba agus reachdas solair na Roinn Eòrpa, stèidhich an t-oilthigh poileasaidh solair.

Tha Leabhar-làimhe Poileasaidh Solair na h-Alba a’ cur sìos nan riaghailtean, nan gnàthannan, is nan slatan-tomhais bunaiteach a bhuineas do sholar poblach an Albainn, agus am poileasaidh seo, an co-chòrdadh ris a’ chleachdadh as fheàrr a thaobh solar, a’ toirt fios air na gnothaichean a leanas an co-cheangal ris an oilthigh:

  • an ceannardas agus na dòighean-riaghlaidh aige a thaobh solar
  • na daoine aige
  • an ro-innleachd is na h-amasan aige a thaobh solar
  • a’ mhodh-obrach a th’ aige a bhith a’ comharrachadh a fheuman a thaobh solar, a’ gabhail a-steach bathar is seirbheisean a shònrachadh
  • a ro-innleachd thàiridh agus am feum a nì e de sholar co-oibreachail
  • na prìomh phròiseasan is siostaman ceannaich aige, agus
  • mar a bhios e a’ riaghladh chunnraidhean.


Chuir an t-oilthigh ainm ris a’ Chairt Luchd-solair aig Riaghaltas na h-Alba, mar phàirt den uallach a ghabh e air fhèin a bhith a’ co-oibreachadh le buidhnean ceannaich eile san Roinn Phoblaich is gnothachasan Albannach gus am bi pròiseasan is còmhradh nas fheàrr ann a thaobh solar san roinn phoblaich.

Poileasaidh an aghaidh brìbearachd

Tha an t-Oilthigh dealasach a thaobh nan inbhean eadarnàiseanta as àirde de dh’ionracas agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gun lean e is gun adhartaich e an cleachdadh as fheàrr a thaobh brìbearachd a bhacadh. Tha Poileasaidh an oilthigh an aghaidh brìbearachd air a dhealbhadh a bhith a rèir Achd Brìbearachd 2010.

Is e poileasaidh an oilthigh gum bi am foireann agus na h-oileanaich air fad a’ dol mu an gnothach ann an dòigh onarach, is gun a bhith ri cleachdaidhean coirbte no brìbearachd airson buannachd neo-chothromach fhaotainn. Chan e dìreach an t-oilthigh a bhith a’ gabhail uallach cultarach air fhèin a tha seo; is e briseadh-lagha a th’ ann am brìbearachd sa mhòrchuid de dhùthchannan agus bidh gnìomhan coirbte a’ fàgail an oilthigh agus an luchd-obrach aige buailteach do chasaid laghail, unnlaghan agus prìosan, cho math ri bhith a’ cur deagh chliù an oilthigh ann an cunnart.

Achd Tràilleachd an Lath an-diugh 2015

Fiosrachadh mun uallach a tha sinn a’ gabhail oirnn fhèin a thaobh Achd Tràilleachd an Latha an-diugh 2015.