Earrainn 2 – Mar a gheibh duine fiosrachadh fon sgeama

susbaint

Tha an t-Iùl againn air Fiosrachadh a’ toirt barrachd eòlais mun fhiosrachadh a tha ri fhaotainn fon sgeama, còmhla ri tuillidh stiùiridh a thaobh mar a ghabhas grèim faotainn air an fhiosrachadh a bhoineas do gach "clas".

Air loidhne

Tha a’ mhòrchuid den fhiosrachadh a tha air a liostadh san Iùl againn air Fiosrachadh ri fhaotainn air an làraich-lìn againn. Iomadh uair bidh ceanagal ann an Earrainn 8: Catagaraidhean Fiosrachaidh a stiùireas sibh chun na duilleige no na sgrìobhainn iomchaidh. Far nach eil ceangal den t-seòrsa ann, is urrainn dhuibh an goireas “Rannsachaidh air an làraich againn uisneachadh. Ma bhios trioblaid agaibh fhathast a thaobh sgrìobhainn sam bith a lorg a tha air a liostadh fon sgeama againn, cuiribh fòn chun a’ Mhanaidseir Riaghlaidh Chorporra againn +44 (0)1463 279371 airson cuideachadh a bharrachd.

Tro phost dealain

Mura bi am fiosrachadh a tha a dhìth oirbh air fhoillseachadh air an làraich-lìn againn, is urrainn dhuinn a chur ur n-ionnsaigh le post dealain, uair sam bith a ghabhas sin dèanamh. An àm dhuibh fiosrachadh iarraidh oirnn, feuchaibh an toir sibh dhuinn àireamh fòn mas e ur toil e gus an tèid againn air fòn a chur chugaibh a dh’iarraidh soilleireachadh air na mion-phuingean, ma bhios sin riatanach.

Air a’ fòn

Gabhaidh fiosrachadh iarraidh oirnn air a’ fòn cuideachd. Cuiridh fòn chun a’ Mhanaidseir Riaghlaidh Chorporra +44 (0)1463 279371, mas e ur toil e, gus an iarr sibh fiosrachadh a tha ri fhaotainn fon sgeama seo.

Tron phost

Mar as àbhaist, bidh fiosrachadh fon sgeama ri fhaotainn an cruth lethbhreac pàipeir. Cuiribh an t-iarrtas agaibh, mas e ur toil e, a dh’ionnsaigh:

Sheena Stewart, Rùnaire
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
12B Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

An àm dhuibh sgrìobhadh ar n-ionnsaigh a dh’iarraidh fiosrachadh, cuiribh a-steach, mas e ur toil e, ur n-ainm is ur seòladh, eòlas iomlan air an fhiosrachadh no na sgrìobhainnean a tha sibh ag iarraidh, agus cìs sam bith a tha ri a pàigheadh (faicibh Earrainn 4: Am Poileasaidh againn a thaobh Chìsean airson barrachd fios mu chìsean). Feuchaibh an cuir sibh a-steach àireamh fòn cuideachd gus an tèid againn air fòn a chur chugaibh a dh’iarraidh soilleireachadh air mion-phuingean sam bith, ma bhios sin riatanach.

Tadhal oirnn sibh fhèin

Ann an cuid bheag de chùisean, faodaidh gun toirear cuireadh dhuibh rèiteach a dhèanamh leinn gus an tig sibh a dh’fhaicinn an fhiosrachaidh. Ann an cùisean mar seo, bidh seo air a chur sìos ann an Earrainn 8 – Catagaraidhean Fiosrachaidh, agus bidh fiosrachadh conaltraidh air a sholar taobh a-staigh den chlas iomchaidh.

Comhairle is cuideachadh

Ma bhios trioblaid sam bith agaibh a bhith a’ comharrachadh an fhiosrachaidh a tha sibh ag iarraidh faicinn, cuiribh fios ar n-ionnsaigh, mas e ur toil e, aig foi@uhi.ac.uk agus bidh sinn toilichte cuideachadh leibh.