Earrainn 4 – Am poileasaidh againn a thaobh chìsean

susbaint

 

Uair sam bith a ghabhas, bidh fiosrachadh a tha san Iùl againn ri fhaotainn bhuainn gun phàigheadh far an gabh e luchdachadh a-nuas on làraich-lìn againn no far an gabh e cur ur n-ionnsaigh gu h-eileagtronaigeach tro phost dealain.

Tha sinn a’ cumail na còire cìsean a chur oirbh airson fiosrachadh a sholar ann an lethbhreac pàipeir no air clàr coimpiutair. Bidh na cìsean a rèir nan costasan fìrinneach a thig air an ùghdarras a thaobh lethbhreacan a dhèanamh agus postachd, mar a chithear gu h-ìseal.

Ma bhitheas cìs ri a pàigheadh, thèid innse dhuibh mun chìs agus mun dòigh a chaidh a cunntas. Cha tèid fiosrachadh a thoirt dhuibh gus am faighear a’ chìs.

Costasan airson lethbhreacan a dhèanamh

Far am bi cìsean air an cur oirbh, is e ìre choitcheann de 10sg. aig gach taobh-duilleige A4 (lethbhreac dubh is geal) agus 30sg. air gach taobh-duilleige A4 (lethbhreac le dathan) a bhios air fiosrachadh a bheirear air lethbhreacan pàipeir.

Is e £1.00 air gach CD-Rom an ìre a bhios ann airson chlàran coimpiutair.

Costas postachd

Cuiridh sinn na costasan postachd orrasan a tha ag iarraidh an fhiosrachaidh a rèir a chostais a bhios ann don ùghdarras a bhith a’ cur an fhiosrachaidh le post a’ chiad chlas.