Earrainn 5 – Am poileasaidh againn a thaobh dlighe-sgrìobhaidh

susbaint

 

Chan fhaodar lethbhreac no ath-riochdachadh a dhèanamh air fiosrachadh a gheibhear on sgeama fhoillseachaidh seo ach le cead foirmeil. Mar as àbhaist thèid cead a thoirt cho fhad ’s a thèid an lethbhreac no an t-ath-riochdachadh a dhèanamh gu pongail, cho fhad ’s nach tèid feum a dhèanamh dheth ann an co-theacs meallta agus cho fhad ’s a dh’ainmichear co às a thàinig an stuth agus a dh’aithnichear a inbhe a thaobh dlighe-sgrìobhaidh.

Chan fhaodar lethbhreac, riarachadh, ath-chòireachadh, ath-riochdachadh, craoladh no foillseachadh (a’ gabhail a-steach air an eadar-lìon no air lìon in-mheadhanach) a dhèanamh air stuth fo dhlighe-sgrìobhaidh, no an t-iomlan no pàirt dheth a thoirt ri fhaotainn ann an dòigh sam bith eile ach le cead sgrìobhte ro làimh on neach aig a bheil an dlighe-sgrìobhaidh no mar a cheadaichear gu follaiseach a rèir Achd Dlighe-sgrìobhaidh, Dhealbhaidhean is Phàitinnean 1998. Ma dh’aontaicheas an t-Oilthigh cead a thoirt airson feum a dhèanamh den fhiosrachadh, feumar comharrachadh gun do rinn an t-oilthigh sin.

Seasaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a Chòirichean air Sealbh Inntleachdail agus a Dhlighe-sgrìobhaidh far am bi sin iomchaidh.

Faodaidh, ge-tà, gum bi fiosrachadh san sgeama fhoillseachaidh far nach ann aig an Oilthigh a tha an dlighe-sgrìobhaidh. Mar as trice bidh e soilleir o na sgrìobhainnean co leis an dlighe-sgrìobhaidh. Far nach bi an dlighe-sgrìobhaidh soilleir, ge-tà, is ann orrasan a tha ag iarraidh an fhiosrachaidh a bhios an t-uallach an neach aig a bheil an dlighe-sgrìobhaidh a lorg agus cead iarraidh air/oirre mun ath-riochdaich iad an stuth no mum bris iad còirichean an neach aig a bheil an dlighe-sgrìobhaidh ann an dòigh sam bith eile. Uair sam bith a ghabhas e dèanamh, comharraichidh an sgeama seo far nach leinn fhèin an dlighe-sgrìobhaidh air sgrìobhainnean ann an Earrainn 12 – Clasaichean de dh’Fhiosrachaidh.

Tha fiosrachadh mu stuth fo dhlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin ri fhaicinn air làrach-lìn Chlò-bhualadair na Ban-rìghe ann an Albainn aig www.oqps.gov.uk. Is urrainn dhuinn lethbhreac den fhiosrachadh seo a thoirt dhuibh mura bheil cothrom agaibh air an eadar-lìon.