Saoghal Thormoid

Saoghal Thormoid - Norman's World susbaint

Saoghal Thormoid - Norman's World

Tormod MacGill-Eain: cuimhneachan air beatha Gàidhealach dà-chànanach, ann an Glaschu, Loch Abar, agus Beinn na Faoghla

Video grab of Norman Maclean

Thairis air seachdain sa Ghiblein 2016 chlàraich Gordon Wells sreath de chòmhraidhean leis an sgrìobhadair is cleasaiche ainmeil Tormod MacGill-Eain, agus e a' bruidhinn mu na cuimhneachan a bh' aige air a bheatha ann an Glaschu agus anns na h-Eileanan bho mheadhan an fhicheadamh lìnn air adhart. Tha na bhidiothan eadar 35 agus 55 mionaidean de dh'fhaide. Gheibhear tar-sgrìobhaidhean cuideachd air Clilstore, a bheir cuideachadh do luchd-ionnsachaidh a tha ag iarraidh faclan a lorg ann am faclairean air-loidhne.

Uile gu lèir, tha 27,000 faclan ann agus barrachd air trì uairean gu leth de stuth-èisteachd sa chruinneachadh seo, a tha na stòras air leth airson luchd-ionnsachaidh agus luchd-rannsachaidh. Thàinig measgachadh de chuspairean am bàrr tron t-seachdain, a' gabhail a-staigh faireachdainnean agus riochdachaidhean a dh'fhaodadh a bhith mì-chòmhfhurtail. Ach, san fharsaingeachd, bha cuspair sònraichte ann airson gach latha, mar a chithear sa chlàr shìos.

Gheibhear na còmhraidhean air Clilstore tro na ceanglaichean shìos. Anns gach aonad Clilstore chithear bhidio slàn air-loidhne (air YouTube), cuide ri tar-sgrìobhadh air a cheangal ri faclairean air-loidhne, agus geàrr-chunntas (fo "Unit Info").

Clilstore links
Diluain - Sinnsireachd
Dimàirt - Foghlam
Diciadain - Coimhearsnachdan
Diardaoin - Cruthachalachd
Dihaoine - Gàidhlig

'S e pròiseact co-obrachail a bh' ann an "Saoghal Thormoid" eadar Soillse, agus Guthan nan Eilean, a' cleachdadh an Stòras Rannsachaidh aig Soillse. 'S e seòrsa de phìleat a bh' ann airson Stòras Beò nan Gàidheal, pròiseact nas motha a tha air a stiùireadh leis an Institiud Rannsachaidh Cànain.

Tha PDF ri fhaighinn leis na geàrr-chunntasan agus tar-sgrìobhaidhean gu lèir (agus ro-ràdh le Conchúr Ó Giollagáin) an seo: Saoghal Thormoid transcripts.