CIALL

Chaidh ainm Gàidhlig a chur air a’ phròiseact CIALL (Collaborative Interdisciplinary & Applied Linguistic Links), le sreath de bhrìghean a tha a’ toirt a-steach amas cànanach na h-iomairte cho-bhanntachd seo, agus a’ cur far comhair slat-tomhais shoilleir agus shìmplidh air am bu chòir a mheasadh: mar a tha aig an abairt chumanta ‘Tha sin a’ dèanamh ciall’.
Thèid am pròiseact a stiùireadh le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (le iomadh com-pàirtaiche eile). Tha e na amas leantainn air an obair a rinn Soillse roimhe, a bha na phròiseact co-bhannntachd eadar-oilthighe. Cuideachd, bidh e a’ gabhail a-steach iomairtean eile fo sgèith an Language Sciences Institute a bhios a’ ceangal gu dlùth ri gnìomhan agus feuman nan coimhearsnachdan Gàidhlig ann an dòigh chom-pàirteach agus ann an co-theacsa eadar-nàiseanta is ioma-chànanach. Theid an t-amas Cànanach (Linguistic) a stèidheachadh ann an co-theacsa làitheil nan coimhearsnachdan le bhith a’ coimhead gu dlùth air Gàidhlig na h-Alba gu sònraichte (ach le sùil ga toirt air cànain eile cuideachd) agus cuideam ga chur air trì pàirtean co-cheangailte:
- Co-obrachadh (Collaboration) aig ìre na coimhearsnachd, gu h-eadar-nàiseanta, agus le taic bho iomadh buidheann
- Obair eadar-chuspaireil (Interdisciplinarity), a’ dol thar Cuspairean Cànanach agus Eòlas Ceilteach gus a dhol an sàs ann an gnothaichean Slàinte, Coimpiutarachd, Na Meadhanan, Eaconamachd agus Saidheansan Sòisealta
- Amas air gnìomh (Application) is rannsachadh dèanadach, le dùil buaidh dhearbhte a thoirt air coimhearsnachdan.
Bidh spionnadh làidir agus eadar-ghnìomach ann eatorra, a chuidicheas le bhith a’ taiceadh nan ceanglaichean (Links) eadar luchd-rannsachaidh acadaimigeach agus luchd-bruidhne sna coimhearsnachdan.
Bidh am pròiseact CIALL gu sònraichte agus gu luath ag adhartachadh tuilleadh obrach ann an:
- Clàradh agus eitneografaidh luchd na Gàidhlig
- Leasachadh Theicneòlais (a bheir a-steach stuthan-ionnsachaidh) airson Gàidhlig agus cànanan eile
- Ceanglaichean-ùidhe a neartachadh eadar Gàidhlig agus diofar bhuidhnean cànain ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta
- Dol an sàs ann an coimhearsnachdan gus Gàidhlig is cànanan eile a thasgadh is a chlàradh airson an sgaoileadh gu h-ionadail agus air feadh an t-saoghail, agus airson taic a chumail ri dealbhadh phoileasaidhean ùr-ghnàthach.
Gu lèir, bidh CIALL a’ cluiche ròl a chuireas ris na th’ ann an-dràsta gus cothrom a thoirt do chom-pàirtichean obrachadh còmhla air builean acadaimigeach agus iomlaid eòlais. Bidh an co-obrachadh ùr seo a’ toirt cothrom barrachd chomasan mion-sgrùdaidh agus chom-pàirteachaidh coimhearsnachd a stèidheachadh. Mar sin, tha e a’ neartachadh chomasan comhairleachaidh acadaimigeach gus fios mu ro-innleachd agus poileasaidh a thoirt do choimhearsnachdan, buidhnean poblach agus buidhnean riaghaltais a tha a’ feuchainn ri ceistean mòra dùbhlanach mu mhion-chànanan a fhreagairt san 21mh linn, gu h-àraid am measg choimhearsnachdan, bhuidhnean agus cho-theacsaichean sòisealta luchd-bruidhne agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig