Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich Beatha oileanaich

Tha sinn rud beag eadar-dhealaichte

Bheir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cothrom dhut rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh, rudeigin sònraichte.

Bidh sinn a’ tabhann farsaingeachd mhòr de chùrsaichean, agus tòrr dhiubh a’ gabhail a' chothruim air àrainneachd, cruth-tìre agus cultar sònraichte na sgìre.

...ach 's toigh leis na h-oileanaich againn sin.

student working on laptop

Tha teagasg air a’ phrògram ceum ag atharrachadh eadar teagasg aghaidh-ri-aghaidh, teagasg stèidhichte air bhidio, sgrùdadh fèin-stiùirichte, agus seiseanan sgilean clionaigeach le euslaintich gus ar sgilean practaigeach ionnsachadh agus a leasachadh, agus mar sin tha rudeigin ann a fhreagras air feumalachdan ionnsachaidh a h-uile duine. Tha ar n-oidean acadaimigeach pearsanta fhìn againn uile, gu am faod sinn fios a chur mu thrioblaidean sam bith a tha sinn a’ faighinn, agus bidh coinneamhan cunbhalach againn aon-ri-aon còmhla riutha. Tha na h-oidean againn uile ann airson taic agus chan eil iad ach post-d air falbh nuair a dh’ fheumas sinn iad. Lauren Connolly, BSc Oileanach Saidheans Slàinte Beòil

Chòrd e rium gum b’ urrainn dhut sgrùdadh a dhèanamh aig àrainn, agus bhon taigh, agus aig an aon àm a bhith air an lìonra le trì àrainnean deug an oilthighe air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha an ceum seo a’ cothlamadh trì de na prìomh ùidhean agam: Alba, eachdraidh agus poilitigs, agus tha e air sgilean acadaimigeach luachmhor a theagasg dhomh. Tha mi air leantainn air adhart leis an oilthigh le bhith a’ dol air adhart gu MLitt British Studies. Silja Roethinger, ceumnaiche BA (le Urram) Eachdraidh is Poilitigs na h-Alba

,

Dèan ionnsachadh speisealaichte air aon de na h-àrainnean againn.

Bidh sinn a’ tabhann dhut taghadh de bhith ag ionnsachadh aig aon de na 13 de cholaistean agus ionadan rannsachaidh againn, còrr is 70 ionad ionnsachaidh ionadail no air-loidhne à àite sam bith.

Ionnsaich air-loidhne à àite sam bith

Tha cuid de na teicneòlasan ionnsachaidh air-loidhne as fheàrr aig an oilthigh, agus mar sin faodaidh tu mòran de na cùrsaichean againn a dhèanamh bhon taigh no bho d’ obair, ge be c Learn Online

Feuch an coilion thu rudeigin mòr

Leis na dlùth-cheanglaichean a th’ againn ri gnothachasan ionadail thèid do chuideachadh a bhith a' faighinn a-steach don ghnìomhachas air a bheil thu dìoghrasach. Bidh sinn a' co-oibreachadh gu dlùth le fastaichean (Scottish and Southern Energy agus NHS na h-Alba nam measg) gus cùrsaichean a chruthachadh a dh'fhàgas gun e soirbheachadh a bhios romhad san àm ri teachd.