Buannaichean a bh' ann

2020 - James Ellsmoor susbaint James Ellsmoor

2020 - James Ellsmoor

Is e neach-tionnsgain, sgrìobhaiche agus sàr-eòlaiche air seasmhachd a th’ ann an James Ellsmoor agus e air fear de phrìomh ghuthan an t-saoghail air seasmhachd eileanan. Cheumnaich e ann an 2018 le MLitt ann an eòlas eileanach bho Institiùd Rannsachaidh a Tuath an oilthighe aig Colaiste Arcaibh UHI. On a cheumnaich e tha James an dèidh Island Innovation a stèidheachadh, ceum togarrach air aghaidh ann an eòlas eileanach agus lìonrachadh eileanach. Bidh iad a’ cumail na h-Àrd-Choinneimh Eileanaich Mas-Fhìor bhliadhnail, a tharraingeas ceannardan righaltasan eileanach, luchd-acadaimigeach, agus com-pàirtean gnothachais à iomadh ceàrn den t-saoghal.

2019 - Anne Lundon susbaint Anne Lundon

2019 - Anne Lundon

Thòisich Anne Lundon, craoladair dà-chànanach sna meadhanan a rinn a h-ionnsachadh aig Colaisde a’ Chaisteil UHI, air a’ chùrsa-obrach aice sna meadhanan gu goirid an dèidh dhi ceumnachadh le BA ann an Gàidhlig is Eòlas Thaobh Tuath a’ Chuain Siar ann an 2008. Bha i a’ preasantadh caochladh phrògraman telebhisein o spòrs gu fèisteas agus air iomadh cuspair poilitigeach, sòisealta is culturach air feadh na Roinn Eòrpa agus air prògram duaisichte a’ BhBC air cùisean an latha sa Ghàidhlig, Eòrpa.  Tha Anne an-dràsta na prìomh phreasantair don phrògram naidheachdan sa Ghàidhlig, An Là, air BBC Alba, is bidh i a’ preasantadh air tuairmsean sìde Reporting Scotland agus prògram chùisean dùthchail BBC Scotland, Landward.

2018 - Rachel Bews susbaint Rachael Bews media object image

2018 - Rachel Bews

Stèidhich Rachael Bews ALICAS, iomairt shòisealta a bhios a’ toirt seachad phasganan aodaich air an cur ri chèile gu sònraichte do bhoireannaich a theich o dhàimhean anns an robh droch-uisneachadh ga dhèanamh orra. Agus iad air an dèanamh air bathar meanbh-reic a tha a chòrr, bidh na pasganan air an cur ri chèile a rèir nan stoidhlean, nam meud agus feuman creideimh no cultair. Fhuair an iomairt maoineachadh cur-an-sealbh tràthail bho UnLtd agus àite aig Entrepreneur Accelerator RBS aig prìomh oifisean na companaidh ann an Dùn Èideann. Chaidh Comhaltachd Iomairt Àrd-amas a Leigeil mu Sgaoil o Chomann Rìoghail Dhùn Èideann a bhuileachadh air Rachael cuideachd gus an toireadh i leasachadh air an iomairt le taic o CREATE, an t-Ionad airson Iomairt is Ùr-ghnàthachadh aig Colaiste Inbhir Nis UHI.

2014 - Andrew Jackson susbaint Andrew Jackson

2014 - Andrew Jackson

Cheumnaich Andrew Jackson o Cholaiste Pheairt UHI ann an 2013 le BA ann an Eòlas Slàinte. An dèidh dha ceumnachadh, chaidh cothrom a thairgsinn do dh’Andrew dachaigh-cùraim a riaghladh ann an Diobraltar. On àm sin, tha e an dèidh a sheirbheis fhèin airson cùram aig an taigh, cho math ri buidheann-trèanaidh, a stèidheachadh ann an sin. Is e as bun-phrionnsabal don ghoireas aige an duine fhèin a bhith san teis-mheadhan a thaobh a’ chùraim, a leigeas le inbhich nas sine ceangal a bhith aca ri daoine de gach uile h-aois agus an àrainneachd nàdarra, seach a bhith air an cur air leth. Thathar a’ smaointeachadh gun cuidich am prionnsabal seo le feadhainn de na prìomh adhbharan air daoine a bhith a’ fulang san t-seann aois, leithid fadal, aonaranachd agus cion comais.

2013 - Julie Fowlis susbaint Julie Fowlis media object

2013 - Julie Fowlis

Is e seinneadair is ceòladair Albannach, is àrd-chliù aice, a th’ ann an Julie Fowlis. Dh’aithnicheadh na rinn i airson cultar na h-Alba le Comann Cheòl Traidiseanta na h-Alba o an d’fhuair i duaisean airson Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna (2008), Albam na Bliadhna (2010) agus Ceòl Traidiseanta sna Meadhanan (2012). Is iomadh urram is duais a fhuair Julie cuideachd airson na ceòladaireachd a rinn i san fhilm mhiadhail aig Disney Pixar, Brave, a bha air a shuidheachadh sa Ghàidhealtachd o shean. A bharrachd air an obair aice fhèin mar cheòladair, le trì albaman stiùideo air an do rinneadh mòr-mholadh, bha Julie ag ionnsachadh nan sgilean aice do dhaoine òga tro ghluasad nam Fèisean.

2012 - Matthew Worthington susbaint Matthew Worthington

2012 - Matthew Worthington

An dèidh a’ cheuma aige thòisich Matthew Worthington ag obair don Faldo Series; iomairt goilf dhomhanta a bhios a’ toirt cothrom do dhaoine òga. Bidh 38 fèilltean-cluich sa Faldo Series a’ tachairt air feadh an t-saoghail agus barrachd is 7,000 cluicheadair goilf òg a’ gabhail pàirt a h-uile bliadhna. B’ e an obair aig Matthew a bhith a’ planadh is a’ co-òrdanachadh nam 20 fèill-chluich ann an 14 dùthchannan air a’ Chlàr Eòrpach.  B’ e Matthew cuideachd a ruith Cuairt Dheireannach Mhòr na Roinn Eòrpa, agus e a’ planadh is a’ co-òrdanachadh an tachartais chòig làithean anns an robh 100 goilfear a’ gabhail pàirt à 17 de dhiofar dhùthchannan. Chaidh an tachartas a chraoladh na phrògram uair an uaireadair air Sky Sports agus air a’ Gholf Channel sna Stàitean Aonaichte.

2010 - Cait NicCullach (co-bhuannaiche) susbaint Cait McCullagh

2010 - Cait NicCullach (co-bhuannaiche)

Rinn Cait NicCullach ionnsachadh airson a’ cheuma aice ann an Eòlas Cultarach aig Colaiste Inbhir Nis UHI.  Na dhèidh sin, rinn i ceum iar-cheum ann an àrc-eòlas aig Oilthigh Àth nan Damh mun do thill i chun na Gàidhealtachd far an do chuidich i Àrc-eòlas airson Choimhearsnachdan air a’ Ghàidhealtachd (ARCH) a stèidheachadh. Lean i oirre a bhith na h-oifigear leasachadh taigh-tasgaidh agus na h-àrc-eòlaiche eileanach ann an Earra-Ghàidheil, agus i a’ cuideachadh an t-ionad dualchas a stèidheachadh ann an Lios Mòr. Bha i cuideachd ag obair na h-àrc-eòlaiche làraich - agus i a’ dèanamh rannsachadh, shuirbhidhean agus cladhach air làraichean san Eilean Sgitheanach, Siorrachd Rois, Gallaibh, Cataibh, Siorrachd Inbhir Nis agus Moireibh.

2010 - Robert 'Rab' Lees (co-bhuannaiche) susbaint Rab Lees

2010 - Robert 'Rab' Lees (co-bhuannaiche)

Rinn Robert “Rab” Lees, a bha roimhid na phlumair, àrd-amas dheth ceum a chosnadh nuair a bha e na bhliadhnachan 40. Na dhèidh sin, rinn e manaidsear sgìre do bhuidheann comhairleachaidh lùth uaine.  Is ann tro Cholaisde a’ Chaisteil UHI ann an Leòdhas a fhuair Rab, a tha às a’ Ghearastan, an ceum BA aige ann an eòlas leasachaidh dhùthchail, ach chaidh aige air ionnsachadh san sgìre as dachaigh dha. Na dhèidh sin, rinn e ionnsachadh airson cùrsa iar-cheum le UHI ann an riaghladh leasachaidh sheasmhaich.