Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Comataidhean

Comataidhean

Faodaidh a’ chùirt uallachaidhean a thiomnadh do chomataidhean gus cuideachadh leis an obair aice:

Comataidh sgrùdaidh

A’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna. Bidh i a’ toirt comhairle agus aithisgean don chùirt air cùisean ceangailte ri sgrùdadh a-staigh agus a-muigh agus a’ sgrùdadh ullachaidhean a thaobh rianachd chunnairt, smachd agus rialadh. Bidh i a’ sgrùdadh litir-stiùiridh an sgrùdaire a-muigh, aithisgean bhon sgrùdaire a-staigh agus freagairtean bhon luchd-stiùiridh, agus aithisg bhliadhnail an sgrùdaire a-staigh.

Coinneamhan
1 Màrt 2016
8 Ògmhios 2016
1 Sultain 2016
7 Dùbhlachd 2016
1 Màrt 2017
7 Ògmhios 2017


Comataidh an ionmhais agus adhbharan coitcheann

A’ coinneachadh a h-uile ochd seachdainean mar as trice. Bidh i a’ toirt comhairle don chùirt air farsaingeachd de chùisean ceangailte ri ionmhas. Tha ceannas aice air an t-siostam airson smachd agus rianachd ionmhasail, bidh i a’ moladh bhuidseatan, a’ sgrùdadh adhartais agus ag aontachadh gnìomhachdan taobh a-staigh ùghdarras tiomnaichte. Bidh i a’ toirt comhairle mu fhastadh, caidreabh gnìomhachais, slàinte agus sàbhailteachd, agus co-ionannachd is iomadachd.

Coinneamhan
3 Màrt 2016
9 Ògmhios 2016
8 Sultain 2016
7 Dùbhlachd 2016
19 Faoilleach 2017
2 Màrt 2017
8 Ògmhios 2017


Comataidh ainmeachaidhean

Le cathraiche na cùirte mar chathraiche, bidh a’ chomataidh seo a’ coinneachadh nuair a dh’fheumas i gus ballrachd na cùirte a sgrùdadh, buill ùra a lorg nuair a nochdas àiteachan bàna agus a dhèanamh cinnteach gu bheil ballrachd chomataidhean na cùirte freagarrach ris na raointean-ùghdarrais agus cruthan aontaichte aca.


Comataidh ìocaidh

Is e ball neo-eisimeileach na cùirte cathraiche a’ chomataidh seo. Bidh i a’ cur an gnìomh poileasaidh ìocaidh a bhios a’ chùirt ag aontachadh a’ gabhail a-steach a bhith a’ socrachadh agus ag aontachadh tuarastail àrd luchd-obrach. Tha am prionnsapal agus iar-sheansalair na bhall den chomataidh seo, ach chan eil e/i an sàs ann a bhith a’ socrachadh an ìocaidh aige/aice fhèin. Nuair a thathas a’ socrachadh ìocadh a’ phrionnsapail agus iar-sheansalair, faodaidh a’ chomataidh comhairle bhon thaobh a-muigh a lorg bho roinn nan colaistean is nan oilthighean agus buidhnean eile. Bidh i ag aontachadh ghluasadan coitcheann ann an tuarastail luchd-obrach agus is urrainn dhi beachdachadh air gluasadan atmhorachd, cumhachdan na margaide gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta agus slatan-tomhais.


Comataidh nan duaisean urramach

Le cathraiche na cùirte mar chathraiche, bidh a’ chomataidh seo a’ coinneachadh mar as iomchaidh gus daoine a mholadh airson duaisean urramach.

Bòrd sgìreil an fhoghlaim adhartaich


Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn anns na h-artaigilean companaidh.

Neach-conaltraidh: Roger Sendall, Manaidsear Riaghladh Corporra