ucccfs.jpg

carbon-trust.png

Home Mu UHI Riaghladh Poileasaidhean agus riaghailtean Ar gealladh a thaobh na h-àrainneachd

Ar gealladh a thaobh na h-àrainneachd

Agus sinn air aon de na buidhnean a chuir ainm an toiseach ri Gealladh Oilthighean agus Cholaistean na h-Alba a thaobh Atharrachadh sa Ghnàth-shìde, ghabh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean uallach air fhèin a bhith a’ dol an grèim ri dùbhlain atharrachadh sa ghnàth-shìde agus a bhith a’ rannsachadh dhòighean as urrainn dhuinn lùghdachadh a thoirt air na chuireas sinn a-mach de CO2.

A rèir sin, dh’oibrich an t-oilthigh an com-pàirteachas ris an Urras Ghualain a chur a-mach plana riaghladh gualain. Bheir am plana cunntas air ro-innleachd an oilthigh airson lùghdachadh a thoirt air na chuirear a-mach de CO2 feadh nan còig bliadhna seo tighinn.