8.3 Modhan-riaghlaidh

susbaint

Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mun dòigh a tha an stèidheachd ga riaghladh agus mar a thigear chun cho-dhùnaidhean. Am measg na th’ ann tha fiosrachadh mu inbhe laghail na stèidheachd, cò an neach-obrach fa leth no cò an còmhlan taobh a-staigh den bhuidhinn air a bheil an t-uallach airson ghnìomhan sònraichte agus dè an t-àite a th’ aca an structar na buidhne san fharsaingeachd. Còrr’ uair bidh fiosrachadh o gheàrr-chunntasan chomataidhean air a shaoradh o bhith air a leigeil ris far a bheil fiosrachadh pearsanta ann, fiosrachadh a dh’fhaodadh droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, fiosrachadh a dh’fhaodadh slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine a chur an cunnart, no fiosrachadh a dh’fhaodadh droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach.

Barrachd mu mhodhan-riaghlaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

 

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an Fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a Chumail air ais

Frèam Laghail

Fiosrachadh mun dòigh a chaidh an stèidheachd a chur air bhonn agus an inbhe a th’ aice a thaobh na lagha

Eachdraidh agus inbhe na stèidheachd.

 

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Structar Riaghlaidh

Structaran riaghlaidh na stèidheachd agus modhan-obrach a bhuineas riutha

Tuairisgeul air buidhnean reachdail (m.e. Cùirt, Comhairle Acadaimigeach, Stèidheachd) agus Comataidhean na Cùirte.

Meòrachan agus Altan na Companaidh.

Liosta de bhuill na Cùirte.

Gnàth-riaghailtean no sgrìobhainnean eile den t-seòrsa a bheir tuairisgeul air modhan-obrach.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Ro-àithnean a thaobh mhodhan-riaghlaidh

Rèiteachaidhean na stèidheachd a bhith a’ cumail ri ro-àithnean a thaobh mhodhan-riaghlaidh matha

Rèiteachaidhean a bhith a’ cumail ri riatanasan Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus iùl Chomataidh nan Cathraichean Oilthigh. Faodaidh rèiteachaidhean mionaideach a bhith air an gabhail a-steach le saoraidhean fon Achd. Rèiteachaidhean airson Sgrùdadh In-mheadhanach.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Poileasaidh air co-bhualadh eadar com-pàirtean

Poileasaidhean na stèidheachd air co-bhualadh eadar com-pàirtean

Fiosrachadh mu na suidheachaidhean anns am bithist am fiughair gum foillsicheadh buill den bhuidhinn riaghlaidh, àrd-mhanaidsearan agus buill eile den luchd-obrach co-bhualaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann eadar com-pàirtean. Còdan giùlain a tha a’ riaghladh chùisean a bhuineas ri co-bhualadh eadar com-pàirtean.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Clàr chom-pàirtean

Clàr chom-pàirtean na stèidheachd

Clàr chom-pàirtean airson bhuill na Cùirte, àrd-mhanaidsearan, agus buidhnean no dreuchdan sam bith eile a tha air an gabhail a-steach le poileasaidhean na stèidheachd air co-bhualadh eadar com-pàirtean.

Lethbhreac eileagtronaigeach den chlàr ri fhaotainn ma thèid iarraidh tro foi@uhi.ac.uk

Gun phàigheadh

 

Structar na stèidheachd

Tuairisgeul air na h-aonadan eagrachail as cudromaiche aig an stèidheachd agus na dàimhean eatorra

Cairtean a leigeas fhaicinn eagrachadh na buidhne. Tuairisgeul air dleasnasan/gnìomhachdan nam mòr-aonadan eagrachail san fharsaingeachd (a’ gabhail a-steach nan sgoiltean/roinnean acadaimigeach air fad). Fiosrachadh mu àrd-mhanaidsearan bointealach sna mòr-aonadan eagrachail. Fiosrachadh conaltraidh nam mòr-aonadan eagrachail.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

Faodaidh cuid de dh’fhiosrachadh a bhith air a shaoradh far am measar gun e “fiosrachadh pearsanta” a th’ ann fo R.38 den Achd.

Na comataidhean as cudromaiche

Obair nan comataidhean as cudromaiche aig a bheil cumhachdan tiomnaichte a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean

Ballrachd is raointean-ùghdarrais chomataidhean.

Modhan-obrach airson daoine a chur an dreuchd air comataidhean.

Gnàth-riaghailtean, còdan giùlain is pàipearan eile a bheir tuairisgeul air obair nan comataidhean as cudromaiche. Geàrr-chunntasan is pàipearan choinneamhan bhuidhnean reachdail is chomataidhean cudromach eile

Geàrr-chunntasan aontaichte na Cùirte, raointean-obrach is liostan ballrachd chomataidhean ri am faotainn air an làraich-lìn.

Tionntadh giorraichte de gheàrr-chunntasan/pàipearan nan àrd-chomataidhean ri am faotainn ma thèid an iarraidh.

Gun phàigheadh

Far am bi tionntadh giorraichte air fhoillseachadh, cha bhi saoraidhean sam bith ann. Bidh an tionntadh iomlan a’ gabhail a-steach fiosrachadh a bheireadh droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach fo R. 33 den Achd nan leigte ris e.

Dàimh ris a’ Chomhairle Choitchinn (An Stèidheachd)

Bun laghail is structarail na dàimh a th’ aig a’ bhuidhinn ris a’ Chomhairle Choitchinn aice

Is e an Stèidheachd an còmhlan a cho-fhreagras air seo san Oilthigh.

Tha Alt 18 de dh’Altan na Companaidh a’ toirt iomradh air seo.

Bidh 3 buill den Stèidheachd air an taghadh leis an Stèidheachd a bhith nam buill den Chùirt

Tha fiosrachadh mun Stèidheachd ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

A’ Chomhairle Choitcheann

Fiosrachadh mu obair is gnìomhachd na Comhairle Coitchinn

Bonn-stèidh, Còd Gnàthachaidh, Liosta Oifigearan agus sgrìobhainnean co-cheangailte sam bith eile mun Chomhairle Choitchinn no còmhlan reachdail den aon seòrsa.

Tha Alt 18 de dh’Altan na Companaidh a’ toirt iomradh air seo

Eagrachadh ballrachd na Stèidheachd air aontachadh leis a’ Chùirt

Tha fiosrachadh mun Stèidheachd ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Frith-chompanaidhean

Fiosrachadh mu ainmean, seòlaidhean, gnìomhan farsaing is adhbharan-bith chompanaidhean anns a bheil mòrchuid de dh’earrannan-seilbh aig an stèidheachd

Tha companaidhean air a bheil Ùghdarras Poblach Albannach na shealbhadair iomlan a’ tighinn fon Achd iad fhèin. Bu chòir do stèidheachdan ceanglaichean a sholar ris na sgeamaichean foillseachaidh a th’ aig companaidhean den t-seòrsa iad fhèin. (Bheirear fiosrachadh mu earrannan-seilbh cudromach eile sa chlas ‘Tasgaidhean’ sa chatagaraidh ‘Stòrasan Ionmhasail’).

Fiosrachadh coitcheann ri fhaotainn air an làraich-lìn. Tuillidh fiosrachaidh ri fhaotainn ma thèid iarraidh.

SC359497 – Rannsachadh agus Iomairt UHI Earranta

SC486842 – Seirbheisean Coitcheann (UHI) Earranta

Gun phàigheadh

 

Ceumannan Urramach

Poileasaidhean, modhan-obrach is buileachadh cheumannan urramach. Cha bhi an t-oilthigh aig an àm seo a’ buileachadh cheumannan urramach, ach is ann a bhitheas an t-oilthigh a’ buileachadh chaidreachasan urramach.

Liosta de na caidreachasan urramach a chaidh a bhuileachadh o chionn ghoirid agus an fheadhainn a tha ri tighinn

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh