8.8 Margaideachadh agus iomlaid eòlais

Facal-toisich

Is e a bheir an catagaraidh seo fiosrachadh mu innleachdan na stèidheachd airson taic a thoirt do mhargaideachadh thoraidhean a h-obrach rannsachaidh. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Ainm a’ Chatagaraidh Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh Eisimpleirean/Nòtaichean Cruth an fhiosrachaidh Cìs Fiosrachadh air a chumail air ais
Rèiteachaidhean taic Tuairisgeul air an dòigh a bhios an stèidheachd a’ toirt taic do mhargaideachadh an eòlais a thig as an obair rannsachaidh aice.   Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Fiosrachadh conaltraidh Mar a gheibh duine fiosrachadh mu ghnìomhachdan margaideachaidh na stèidheachd.   Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Maoineachadh do mhargaideachadh Fiosrachadh staitisteil mu phrìomh thobraichean maoineachaidh na stèidheachd airson margaideachadh agus iomlaid eòlais. Suim Tabhartas Iomlaid Eòlais o Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus thabhartasan sam bith eile a rèir foirmle / gun a bhith a rèir foirmle o Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba airson margaideachadh agus iomlaid eòlais. Fiosrachadh den aon seòrsa mu thobraichean maoineachaidh cudromach eile.   Gun phàigheadh  
Goireasan margaideachaidh Tuairisgeul air goireasan is stòrasan na stèidheachd airson taic a thoirt do ghnìomhachd mhargaideachaidh. Goireasan altraim, pàircean saidheans, is a leithid. Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Toraidhean margaideachaidh Fiosrachadh staitisteil mun mhargaideachadh a nì an stèidheachd air na gnìomhachdan rannsachaidh aice Fiosrachadh staitisteil mu phàitinnean a chaidh iarraidh is a bhuileachadh, ceadachdan a thugadh, fiosrachadh mu chruthachadh chompanaidhean às-chinneasach is tòiseachail.   Gun phàigheadh Faodaidh gum bi cuid de dh’fhiosrachadh air a shaoradh, mar eisimpleir mion-fhiosrachadh mu chompanaidhean tòiseachail is ceadachdan fa leth agus far an toireadh e droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach nan leigte ris e.

Seirbheisean co-chomhairleachaidh

Mar a gheibh duine fiosrachadh mu sheirbheisean co-chomhairleachaidh na stèidheachd.   Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh