8.6 Solar
Facal-toisich
Is e fiosrachadh mu phoileasaidhean, modhan-obrach is rèiteachaidhean na stèidheachd a thaobh solar a bheirear san earrainn seo. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.
Faodaidh solar co-oibreachail a bhith air a stiùireadh le buidhnean meadhanach mar a tha Solar na h-Alba, APUC Eta, Excel, Solar Nàiseanta Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte no Ionad Sàr-eòlas Solair an Àrd-riaghaltais. Gheibhear fiosrachadh mu na seirbheisean solair a bheir na buidhnean seo don stèidheachd dìreach o na buidhnean fhèin.
Gnothach a dhèanamh ri Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
| Ainm a’ Chatagaraidh | Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh | Eisimpleirean/Nòtaichean | Cruth an fhiosrachaidh | Cìs | Fiosrachadh air a chumail air ais |
|---|---|---|---|---|---|
| Poileasaidhean solair | Ro-innleachd choitcheann na stèidheachd airson caiteachas nach tuarastal a sholar agus poileasaidhean airson cumail ri dleasnasan laghail a thaobh obraichean solair mòra | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | ||
| Modhan-obrach airson solair | Leabhraichean-làimhe na stèidheachd air solar is ceannach | Pàirt den phoileasaidh solair | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Luchd-conaltraidh a thaobh solair | Fiosrachadh conaltraidh airson eòlas mu sholar is ceannach | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | ||
| Sgrìobhainnean tairgseachaidh | Brathan cunnraidh gairm cho-fharpais a tha air an cur sìos leis an Aonadh Eòrpach, cuiridhean a thairgseachadh, agus sgrìobhainnean a’ cheisteachain a dhearbhadh airidheachd ro làimh airson sholarachaidhean mòra | Bidh tairgsean air am foillseachadh air làrach-lìn Chunnraidhean Poblach na h-Alba. Cuiridhean a thairgseachadh agus sgrìobhainnean a’ cheisteachain a dhearbhadh airidheachd ro làimh agus fiosrachadh mu obraichean solair cudromach a dh’fhaodadh a bhith ann. | Gun phàigheadh | ||
| Cunnraidhean luchd-solair | Brathan buileachaidh a tha air an cur sìos leis an Aonadh Eòrpach airson chunnraidhean mòra os cionn stairsnichean an AE | Foillsichear fiosrachadh air làrach-lìn Chunnraidhean Poblach na h-Alba | Gun phàigheadh | Chan fhoillsichear fiosrachadh far am briseadh sin dìomhaireachd fo R.36 agus/no ar leas malairteach fo R.33 den Achd. |