8.5 Planadh corporra

Facal-toisich

Is e fiosrachadh mu rùn coitcheann is planaichean ro-innleachdail mòra na stèidheachd a bheirear sa chatagaraidh seo. Fiosrachadh a dh’fhaodadh droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, fiosrachadh pearsanta, no fiosrachadh a chuireadh bacadh air gnothaichean poblach o bhith air an coilionadh gu h-èifeachdach, bidh e air a shaoradh o fhoillseachadh.

Plana ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh Eisimpleirean/Nòtaichean Cruth an fhiosrachaidh Cìs Fiosrachadh air a chumail air ais
Rùn Coitcheann Aithris rùin na stèidheachd Is e cion-fàth is lèirsinn seach aithris rùin a th’ aig an oilthigh Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Plana corporra Plana corporra no ro-innleachdail na stèidheachd Tha Plana Ro-innleachdail aig an oilthigh Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh Far am bi tionntadh giorraichte air fhoillseachadh, cha bhi saoraidhean sam bith ann. Bidh an tionntadh iomlan a’ gabhail a-steach fiosrachadh a bheireadh droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach fo R. 33 den Achd nan leigte ris e.
Ro-innleachdan Na sgrìobhainnean ro-innleachdail as cudromaiche a th’ aig an stèidheachd Is e Plana Ro-innleachdail an oilthigh an sgrìobhainn ro-innleachdail as cudromaiche a th’ aige mar stèidheachd Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Comharraidhean coilionaidh Comharraidhean a chleachdar leis a’ bhuidhinn riaghlaidh is na h-àrd-mhanaidsearan a thomhas coilionadh na stèidheachd san fharsaingeachd   Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh  
Modhan-obrach a thaobh planadh Modhan-obrach in-mheadhanach airson planadh is riarachadh stòrasan Faic an earrainn air ionmhas airson riarachadh stòrasan Ri fhaotainn air an làraich-lìn Gun phàigheadh