8.7 Stiùireadh rannsachaidh

susbaint

Facal-toisich

Is e a tha fo aire sa chatagaraidh seo fiosrachadh a thaobh mar a stiùireas is mar a mhaoinicheas an stèidheachd an obair rannsachaidh aice; chan eil e a’ gabhail a-steach nan toraidhean no an dàta fhèin a thig às an rannsachadh a nithear. Còrr’ uair bidh fiosrachadh air a shaoradh o fhoillseachadh ma bhios fiosrachadh pearsanta ann, no fiosrachadh a dh’fhaodadh, nan leigte ris e, droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, slàinte cuirp no inntinn no sàbhailteachd duine sam bith a chur an cunnart, droch bhuaidh mhòr a thoirt air coilionadh èifeachdach ghnothaichean poblach, no nam faodadh e bhith na bhriseadh dìomhaireachd a bhiodh buailteach do cheuman laghail.

Barrachd mu stiùireadh rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ainm a’ Chatagaraidh

Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh

Eisimpleirean/Nòtaichean

Cruth an fhiosrachaidh

Cìs

Fiosrachadh air a chumail air ais

Maoineachadh rannsachaidh

Fiosrachadh staitisteil mu na tobraichean as cudromaiche às an tig maoineachadh rannsachaidh na stèidheachd

Suim a’ Phrìomh Thabhartais Rannsachaidh o Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus thabhartasan eile on Chomhairle Mhaoineachaidh airson rannsachadh a rèir foirmle/gun a bhith a rèir foirmle.

Fiosrachadh staitisteil mu mhaoineachadh o Chomhairlean Rannsachaidh, carthannasan rannsachaidh agus buidhnean cudromach eile.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Càileachd rannsachaidh

Toraidhean tomhas a nithear on taobh a-muigh air càileachd rannsachadh na stèidheachd

Coilionadh na stèidheachd san Fhrèam Shàr-mhathais Rannsachaidh

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

Chan fhoillsichear fiosrachadh far an toireadh sin droch bhuaidh mhòr air ar leas malairteach fo R.33 den Achd.

Ro-innleachdan rannsachaidh

Geàrr-chunntas air planaichean ro-innleachdail airson rannsachadh aig ìre na stèidheachd

 

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Structaran stiùireadh rannsachaidh

Tuairisgeul air na structaran leis am bi an stèidheachd a’ stiùireadh na h-obrach rannsachaidh aice

       

Rèiteachaidhean airson taic do rannsachadh

Na modhan-obrach aig an stèidheachd airson taic a thoirt do rannsachadh

Rèiteachaidhean a bhith a’ cuideachadh le iarrtasan airson thabhartasan rannsachaidh agus a bhith a’ dèiligeadh riutha

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Beusan rannsachaidh

Poileasaidhean is modhan-obrach na stèidheachd a thaobh bheusan rannsachaidh

Poileasaidhean is còdan cleachdaidh na stèidheachd a thaobh cleachdadh math ann an rannsachadh, giùlan beusach agus foill rannsachaidh a sheachnadh.

Fiosrachadh mun dòigh a bhios an stèidheachd a’ sgrùdadh chasaidean mu mhì-chleachdadh ann an rannsachadh.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh

 

Poileasaidhean is modhan-obrach a thaobh oileanaich rannsachaidh

Poileasaidhean is modhan-obrach na stèidheachd a thaobh oileanaich rannsachaidh a stiùireadh is deuchainn a chur orra

Riaghailtean a thaobh stuidearrachd rannsachaidh aig an ìre fhor-cheum.

Fiosrachadh a thaobh dè mar as urrainn do dh’oileanaich gearan mu rèiteachaidhean stiùiridh.

Faodaidh stuth mu eileamaidean rannsachaidh ann am prògraman for-cheum teagaisgte a bhith air a ghabhail a-steach sa chatagaraidh seo cuideachd.

Ri fhaotainn air an làraich-lìn

Gun phàigheadh