8.4 Stòrasan ionmhasail
Facal-toisich
Tha an catagaraidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh air ro-innleachd is rianachd na stèidheachd a thaobh stòrasan ionmhasail. Bidh roinn an ionmhais a’ toirt sheirbheisean cunntasachd, solair agus cùmhnantachaidh, rud a chuidicheas le bhith a’ dèanamh an fheuma as fheàrr de stòrasan agus a’ coilionadh dhleasnasan reachdail. Fiosrachadh a dh’fhaodadh droch bhuaidh mhòr a thoirt air leas malairteach duine sam bith, fiosrachadh pearsanta, no fiosrachadh a chuireadh bacadh air gnothaichean poblach o bhith air an coilionadh gu h-èifeachdach, bidh e air a shaoradh o fhoillseachadh.
Barrachd mu stòrasan ionmhasail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
| Ainm a’ Chatagaraidh | Tuairisgeul air a’ Chatagaraidh | Eisimpleirean/Nòtaichean | Cruth an fhiosrachaidh | Cìs | Fiosrachadh air a Chumail air ais |
|---|---|---|---|---|---|
| Aithrisean ionmhasail | Cunntasan bliadhnail na stèidheachd | Mar as àbhaist na h-aithrisean ionmhasail a bhios aontaichte leis a’ bhuidhinn riaghlaidh | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Pròiseasan buidseatach | Poileasaidhean is modhan-obrach airson suimean buidseatach a riarachadh air na mòr-aonadan buidseatach | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | ||
| Sealladh coitcheann air buidseatan | Geàrr-chunntas air a’ bhuidseat choitcheann agus suimean buidseatach a riaraichear air na mòr-aonadan buidseatach | Suimean buidseatach socraichte a riaraichear | Gun phàigheadh | ||
| Riaghailtean ionmhasail |
Leabhar-làimhe rianachd ionmhasail na stèidheachd
|
Mar as àbhaist bhiodh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu bhathar is seirbheisean a cheannach, agus costasan iarraidh air ais. Is e eisimpleirean a leanas: Riaghailtean ionmhasail, poileasaidh is modhan-obrach a thaobh luchd-obrach a bhith a’ siubhal, òrduighean deireadh bliadhna, poileasaidh a thaobh foill a bhacadh, a lorg is a rannsachadh, aithris air a’ phoileasaidh foill | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Àrachas | Geàrr-chunntas air prìomh phoileasaidhean àrachais na stèidheachd | Ainmean is seòlaidhean chompanaidhean àrachais an oilthigh, agus fiosrachadh coitcheann air a’ chaochladh chunnartan air a bheil àrachas. | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Tuarastal àrd-bhuill den fhoireann | Tuarastal a’ phrionnsapail agus fiosrachadh staitisteil air tuarastal àrd-bhuill eile den fhoireann ri a fhoillseachadh fo Mheòrachan Ionmhasail Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba | Tha fiosrachadh ri fhaotainn san Aithisg Bhliadhnail agus sna h-Aithrisean Ionmhasail againn. | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh | |
| Tasgaidhean | Geàrr-chunntas air bronnaidhean is tasgaidhean na stèidheachd | Chan eil tasgaidhean aig an oilthigh an-dràsta. Tha fiosrachadh ri fhaotainn san Aithisg Bhliadhnail agus sna h-Aithrisean Ionmhasail againn. | Ri fhaotainn air an làraich-lìn | Gun phàigheadh |